Teagamh mu chaismeachd leapa Phort Rìgh

Ospadal Phort Rìgh
  • Air fhoillseachadh

Dh'fhaodadh nach tèid caismeachd fianais ann am Port Rìgh a tha san amharc aig buidheann-iomairt slàint air adhart, an dèidh coinneimh Dimàirt.

Tha a' bhuidheann SOS-NHS ag iarraidh leabaidh a phutadh tron bhaile Disathairne 'son aire a thogail gu gearradh leapann aig Ospadal Phort Rìgh.

Ach dh'innis na Poilis an t-seachdain seo chaidh gun deadh cuingealachadh mòr a chur air a' chaismeachd, 's gum feumadh iad cumail ris a' chabhsair, gun a dhol air an rathad fhèin.

An dèidh coinneimh Dimàirt le Poileas Alba, Ùghdarras nam Prìomh Rathaidean, agus comhairlichean Ùard Eilein a' Cheò, tha a' bhuidhinn air innse gur dòcha gun tèid cuingealachadh a bharrachd a chur air a' chaismeachd aca.

Thuirt iad gun deach ceist a thogail mu shàbhailteachd a bhith a' cleachdadh a' chabhsair airson na caismeachd, agus gun deach innse dhaibh nach bi e ceadaichte dhaibh a dhol tarsainn rathaidean ann am buidhnean mòra.

Thuirt Poileas Alba gum bi an iomairt phoilis aca iomchaidh, agus ag amas air sàbhailteachd a' phobaill.