Buill nan Eilean Siar am Pàrlamaid Òigridh na h-Alba air an ainmeachadh

- Air fhoillseachadh
Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gun deach Heather NicDhùghaill às na Hearadh agus Ross Irving à Barraigh a thaghadh airson a bhith a' riochdachdh nan Eilean Siar am Pàrlamaid Òigridh na h-Alba.
Thug Fiona NicAonghais, Manaidsear Ionnsachadh is Leasachadh sa Choimhearsnachd, taing dha na tagraichean òga a sheas airson na pàrlamaid agus dhaibhsan a bhòt.
"Tha sinn a' guidhe gun tèid gu math le Heather NicDhùghaill agus Ross Irving nan dreuchdan ùra, agus tha sinn a' coimhead air adhart ri bhith a' faicinn an diofair a nì iad do dh'òigridh air feadh nan Eilean Siar," thuirt i.
Bidh dleasdanas air na deugairean dèanamh cinnteach gum faigh daoine òga sna h-Eileanan an Iar èisteachd aig ìre nàiseanta.
Thuirt Ross: "Tha mi air mo dhòigh gun deach mo thaghadh mar MSYP do na h-Eileanan an Iar. Mo thaing dhan a h-uile duine a bhòt, agus tha mi a' coimhead air adhart ri bhith a' tòiseachadh."
Thuirt Heather: "Mìle taing dhan a h-uile duine a chuir taic dhomh, agus tha mi air mo dhòigh gun deach mo thaghadh, agus fiughair agam ri bhith a' tòiseachadh san obair."
Dh'ainmich Comhairle na Gàidhealtachd o chionn ghoirid an sianar a bhios a' riochdachadh na sgìre am Pàrlamaid na h-Òigridh:
Victoria Bain agus Rosie Stiùbhairt - Inbhir Nis is Inbhir Narann
Ben Walton agus Aonghas Hymers Mac an Tòisich - Gallaibh, Cataibh is Ros
Lucy Turner agus Jake MacCullaich - An t-Eilean Sgitheanach, Loch Abar is Bàideanach
Chaidh Pàrlamaid Òigridh na h-Alba a stèidheachadh air an 30mh den Ògmhios 1999, ga fàgail nas sine na a' Phàrlamaid Albannach.
'S e obair na pàrlamaid àite a thoirt do dhaoine òga far an dèan iad deasbad air cuspairean a tha cudromach dhaibh, agus iomairt a dhèanamh a bheir atharrachadh air an dùthaich aca.