Rabhadh mu chall beatha air na rathaidean

A82Tùs an deilbh, Google
  • Air fhoillseachadh

Thàinig rabhadh gun caill mòran a bharrachd dhaoine am beatha mura tèid tuilleadh airgid a chosg air leasachadh rathaidean ann an Alba.

Sheall àireamhan bho Roinn Còmhdhail na Rìoghachd Aonaichte gun deach 174 duine a mharbhadh ann an tubaistean rathaid ann an Alba ann an 2022 - an àireamh as àirde a bh' ann bho 2016.

Chaill barrachd dhaoine am beatha air Ghàidhealtachd na ann an sgìre sam bith eile den dùthaich le 32 duine air bàsachadh ann an tubaistean aig tuath.

Chaidh mac, nighean-chèile, is dithis oghaichean aig Samantha Cousin a mharbhadh ann an tubaist faisg air a' Ghearasdan bho chionn trì bliadhna.

Thuirt i gur e an là a bu mhiosa dha beatha is gu bheil cruaidh fheum air rathaidean a leasachadh.

"Tha mi airson is gun tèid barrachd oidhirp a dhèanamh. Tha leasachaidhean ann an siud is an seo ach 's e tha a dhìth ach barrachd airgid far a bheil tubaistean a' tachairt.

"Tha na figearan seo dìreach uabhasach", thuirt i

Tha Laura Hansler am measg luchd-iomairt a chuir athchuinge a Phàrlamaid na h-Alba a thaobh obair-leasachaidh air an A9.

Thuirt i gun robh 13 bàs air an rathad eadar Peairt is Inbhir Nis ann an 2022.

"Tha feum air airgead mòr a chur a dh'ionnsaigh leasachadh nan rathaidean an-dràsta fhèin.

"Chan e pròiseactan beaga a tha seo is feumaidh Riaghaltas na h-Alba taic a thoirt seachad no caillidh mòran a bharrachd dhaoine am beatha", thuirt i.

Thuirt Còmhdhail Alba gu bheil àrdachadh sam bith ann an call beatha air na rathaidean na dhragh.

Tha iad ag ràdh gu bheil airgead ga chosg air leasachadh nan rathaidean le targaid gum bi an sàbhailteachd rathaid as fheàrr san t-saoghal aig Alba ann an 2030, is nach bi duine air am marbhadh no air an droch ghòirteachadh air rathaidean na h-Alba ann an 2050.