Stoirm Babet: "bu chòir fuireach a-staigh sna sgìrean rabhaidh dearg"

- Air fhoillseachadh
Chuireadh ìmpidh air daoine ann am pàirtean de dh'Alba gun a bhith a' siubhal le dùil gun adhbhraich Stoirm Babet tuiltean is maill.
Sgaoil Oifis na Sìde rabhadh tearc dearg airson uisge fìor throm ann an Siorrachd Obar Dheathain agus Sgìre Aonghais, le cunnart do bheatha na chois.
Thugadh òrdugh don a h-uile duine a tha a' fuireach an am baile Bhreichin ann an Sgìre Aonghais - mu 7,000 duine - an dachannan fhàgail ri linn na h-aimsir, 's dùil gun cuir abhainn thairis.
Chaidh an rabhadh a leudachadh gu ruige Dùn Dè is Peairt agus cuid de na sgìrean mun cuairt.
Tha an rabhadh an sàs bho 6:00f Diardaoin gu 12:00f Dihaoine, le dùil ri eadar 10-15cm de dh'uisge agus cho mòr ri 20-25cm ann an cuid de sgìrean.
Tha an rabhadh dearg ag innse gu bheil "cunnart do bheatha an cois thuiltean sruthaidh luath no domhain" ann an Siorrachd Obar Dheathain agus Aonghas, le dùil ri tuiltean farsainn agus dùnadh rathaidean cuideachd sna sgìrean sin.
Dh'fhaodadh cuideachd gun caillear cumhachd an dealain ann an cuid de sgìrean - 's dòcha airson grunn làithean.
Tha rabhadh ann cuideachd gun ruig neart na gaoithe còrr air 70msu mun chosta.
Tha rabhaidhean òmar an sàs ann am pàirtean eile de dh'ear-thuath na h-Alba agus air a' Ghàidhealtachd Diardaoin is Dihaoine, le rabhaidhean buidhe feadh a chuid mhòir den dùthaich gu Disathairne.
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil ullachadh ga dhèanamh ann am Bàideanach agus Srath Spè, 's dùil ri tuiltean an sin.
Tha ScotRail air grunn sheirbheisean a chur dheth Diardaoin is Dihaoine.
'S iad sin Peairt-Obar Dheathain tro Dhùn Dè, Peairt-An Aghaidh Mhòr (prìomh loidhne na Gàidhealtachd), Peairt-Dùn Bhlàthain, Obar Dheathain-Eilginn (loidhne Obar Dheathain-Inbhir Nis), Baile Dhubhthaich-Inbhir Ùige/Inbhir Theòrsa agus seirbheisean Cearcal Fìobha.
Bidh buaidh cuideachd air seirbheisean eadar Sràid na Bànrigh an Glaschu agus Obar Dheathain is Inbhir Nis, agus eadar stèisean Waverley an Dùn Èideann agus Obar Dheathain is Inbhir Nis.
Tha maill cuideachd air mòran de sheirbheisean aiseig ChalMac le na seòlaidhean eadar Steòrnabhagh is Ullapul agus Beàrnaraigh is an t-Òb uile dheth Diardaoin.
Tha atharrachaidhean is rabhaidhean an luib a' chuid mhòir de na seirbheisean eile aig CalMac cuideachd.