Ceann Loch Seile cinnteach air an treas àite sa Phrìomh Lìog

Fear-glèidhidh Camanachd an Eilein Sgitheanaich ag ullachadh gus am ball a bhualadh. Tha dithis den luchd-dìon faisg air ri taobh luchd-aghaidh Cheann Loch Seile.
  • Air fhoillseachadh

Dhearbh Ceann Loch Seile gun crìochnaich iad san treas àite ann am Prìomh Lìog nam fear nuair a rinn iad an gnothach air na nàbaidhean aca às an Eilean Sgitheanach air an deireadh-sheachdain.

Air là fliuch bha pàirc Rèaraig gu math trom ach thòisich an dà sgioba gu math.

Chuir Keith MacRath na Seilich air thoiseach às dèidh dìreach trì mionaidean ach bha na Sgitheanaich co-ionnan gu math sgiobalta tro Lachlann MacLeòid.

Bha na sgiobaidhean co-ionnan aig 1-1 pìos a-steach dhan dàrna leth, ach nochd an uairsin an seann sionnach MacRath a-rithist le dà thadhal eile taobh a-staigh naoi mionaidean.

Chrìochnaich e 3-1 is Ceann Loch Seile a' gluasad trì puingean air thoiseach air Camanachd an Òbain a tha sa cheathramh àite.

Le dìreach aon gheama air fhàgail aig an dà sgioba tha na Seilich mar sin cinnteach air an treas àite.

Tha aire a-nise air a' gheama mu dheireadh aca Disathairne seo tighinn nuair a chuireas iad fàilte air Ceann a' Ghiùthsaich.

Feumaidh Ceann a' Ghiùthsaich an dà phuing gus an tiotal a bhuannachadh ach ma gheibh na Seilich dad às a' gheama 's iad Baile Ùr an t-Slèibh a gheibh an lìog.

Tha fhathast ceithir geamaichean lìge air fhàgail aig na Sgitheanaich is bidh iadsan Disathairne air an rathad fhada a dh'ionnsaigh Chlachan Ghleann Da-Ruail 'son cluich an aghaidh Caol-Gleann.

Didòmhaich bha dà gheama òigridh eadar an Ceann a Tuath is an Ceann a Deas.

Rinn Tuath a' chùis 10-1 sa gheama aig ìre Fo 14 is 7-1 aig ìre Fo 17.

Bha là air leth aig fear eile de Chlann MhicRath à Ceann Loch Seile ann an geama Fo 17 is Jay a' cur ceithir de na tadhail.

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte