Teansa gun tèid ìomhaigh luachmhor a reic thall-thairis

Ìomhaigh mharabail de cheann fireannaich. Tha e a' coimhead chun na làimhe clì.Tùs an deilbh, Highlife Highland
  • Air fhoillseachadh

Thèid ìomhaigh mharabail de cheann uachdarain Ghàidhealaich a reic ri cuideigin thall-thairis, mura cruinnich taigh-tasgaidh ionadail an t-suim air a bheil feum airson a ceannach.

Chaidh an ìomhaigh de Sir Iain Gòrdain a dhèanamh leis an neach-ealain Fhrangach Edmé Bouchardon, agus aig aon àm bha i air a cleachdadh airson doras seada a chumail fosgailte.

Cheannaich Comhairle Baile Inbhir Ghòrdain i airson £5 anns na 1930an, agus fhuaireas a-mach bhon uairsin gu bheil luach innte de chòrr is £3m.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air a bhith a' coimhead às dèidh na h-ìomhaigh às leth Maoin Maith Choitchinn Inbhir Ghòrdain.

Cho-dhùin a' chomhairle a reic agus ghabh iad ri tairgse bho Thaigh-tasgaidh Inbhir Ghòrdain, ach tha iadsan air a bhith a' strì gus airgead gu leòr - £3.1m - a chruinneachadh.

Chaidh urrasairean an taigh-tasgaidh gu Stòras Cuimhneachaidh agus Stòras Dualchais a' Chrannchuir Nàiseanta ach chaidh an tagradh aca a dhiùltadh.

Ann an aithisg, taobh a-muigh ùr, dhearbh oifigich na comhairle gun tèid an ìomhaigh a reic ri neach thall-thairis, mura tèid an t-airgead a chruinneachadh ron 1mh den Dùbhlachd.

Sir Iain Gòrdain

B' e fear-poileataigs Albannach a bh' ann an Sir Iain Gòrdain Inbhir Ghòrdain..

Ghabh e thairis bho athair mar BhP airson Crombaigh agus chaidh e na Rùnaire airson Chùisean Albannach dha Frederick, Prionnsa na Cuimrigh, anns na 1740an.

B' e an teaghlach aige a stèidhich baile Inbhir Ghòrdain

Bha Sir Iain na dhuine òg air turas san Roinn Eòrpa nuair a choinnich e ris an neach-ealain chliùteach Edmé Bouchardon san Ròimh ann an 1728 far an deach an ìomhaigh a dhèanamh.