Coille an Loch Aillse a' dol an làmhan na coimhearsnachd

Seann làrach-champachaidh Bhaile Mac AraTùs an deilbh, Google
  • Air fhoillseachadh

Thèid aig Urras Coimhearsnachd Bhaile Mac Ara air seann làrach-champachaidh a cheannach às leth na coimhearsnachd an dèidh dhaibh £162,130 fhaighinn bho Stòras Fearainn na h-Alba.

Tha iad am measg 10 buidhnean an Alba a fhuair maoineachadh sa chuairt às ùr de mhaoineachadh bhon stòras luach £1,975,563.

Tha an taic-airgid a' leigeil leotha sealbh fhaighinn air seann làrach-champachaidh Bhaile Mac Ara a tha an-dràsta le Coilltean agus Fearann na h-Alba.

Tha iad am beachd a' choille dhùthasach sa bheil 9.2 heactair a ghlèidheadh agus a leasachadh mar àite far an tig a' choimhearsnachd còmhla.

Tha iad a' beachdachadh air làrach-champachaidh ath-stèidheachadh sa choille.

Tha an taic-airgid a' ciallachadh cuideachd gun tèid aig an Urras air a' chiad Oifigear Leasachaidh aca fhastadh.

Thuirt Cathraiche Urras Coimhearsnachd Bhaile Mac Ara, Mike Shucksmith: "Leigidh an taic-airgid leinn an làrach seo a ghlèidheadh airson nan ginealaichean ri thighin.

"Tha sinn air leth taingeil airson an taic agus am brosnachadh a fhuair sinn airson a' phròiseict seo bho Stòras Fearainn na h-Alba, Coilltean agus Fearann na h-Alba, HIE agus cuideachd bhon choimhearsnachd agus a' choille cho cudromach dhaibh," thuirt e.