Truailleadh an Abhainn Lòchaidh?

Sheall dealbhan air na meadhanan sòisealta mòran lannan-èisg san abhainn ri taobh Rathad Chill Mhàilidh sa Ghearasdan
- Air fhoillseachadh
Tha rannsachadh a' dol an dèidh ghearainean gur dòcha gu bheil truailleadh ann an Abhainn Lòchaidh anns a' Ghearasdan.
Tha dealbhan a nochd air na meadhanan-sòisealta a' sealltainn, a rèir choltais, lannan-èisg agus uisge dearg a' dòrtadh à pìob ri taobh sgeama dìon thuiltean Taobh Lòchaidh.
Thuirt a' chompanaidh àrach-èisg Mowi, aig a bheil ionad-giollachd ann an raon-gnìomhachais a' Bhlàir Mhòir, a tha faisg air làimh, gun do rinn iadsan rannsachadh air an t-suidheachadh agus iad ag ràdh gu bheil iad misneachail nach ann bhon làraich acasan a thàinig an truailleadh.
"Chan e Mowi an aona ghnìomhachas a tha ri obair-giollachd aig an raon-gnìomhachais ach sinne an aon fhear a tha air a riaghladh le SEPA fo riaghailtean IPPC.
"Leanaidh sinn oirnn ag obair le SEPA agus Uisge na h-Alba airson dèanamh a-mach cò às a tha an stuth seo a' tighinn", thuirt iad.
