Tha an Glen Rosa gu bhith air a cur air bhog

Thèid an Glen Rosa a chur air bhog Dimàirt
- Air fhoillseachadh
Thèid an dàrna tè den dà aiseag connspaideach a tha gan togail aig Gàrradh MhicFhearghais a chur air bhog Dimàirt.
Tha an obair oirre agus air an t-soitheach eile a thathas a' togail do Chaledonian Mac a' Bhriuthainn air Abhainn Chluaidh sia bliadhna air dheireadh agus tha cosgaisean air èirigh còrr is trì uiread na bha còir.
Bha còir gum biodh an Glen Rosa a’ ruith eadar Loch nam Madadh, Ùige agus an Tairbeart.
Chaidh cur às dhan phlana sin agus bidh i a-nis air a cur gu seirbheis air an t-slighe eadar Eilean Arainn agus tìr-mòr mun fhoghair 2025.

Bidh an Glen Sannox cuideachd a' seòladh eadar tìr-mòr agus Eilean Arainn
Thòisich deuchainnean mara air a' Ghlen Sannox, am bàta-aiseig eile a thathas a' togail fon aon chùmhnant, sa Ghearran 2024. Tha dùil gum bi i sin cuideachd a' frithealadh slighe Eilein Arainn.
Ged 's cinnteach gum bi gàìrdeachas ann nuair a thèid an dàrna soitheach a chur air bhog tha sgeulachd an dà aiseig air a milleadh gu ìre leis na tha de chonnspaid a th' air an cuairteachadh.
Tha ministearan riaghaltais agus seann cheannardan a' ghàrraidh air a bhith a' coireachadh a chèile airson agus cho daor agus cho fadalach 's a tha na soithichean gu bhith.
Ged 's e clach-mhìle air leth cudromach a bhios ann Dimàirt, tha tuilleadh obrach ri tighinn air a' Ghlen Rosa mus tèid a toirt seachad mun t-Sultain 2025.