"Sgìrean" cànain gam moladh dha na h-Eileanan Siar

- Air fhoillseachadh
Thuirt Cathraiche Comataidh na Gàidhlig aig Comhairle nan Eilean Siar, Dòmhnall MacSuain, nach biodh e ciallach dìreach aon sgìre cànain sònraichte a dhèanamh anns na h-Eileanan an Iar.
Bha e ag ràdh gun coimhead iad ri sgìrean fa leth a chruthachadh ged a bhios na h-eileanan air fad air an gabhail a-steach.
Tha seo is Bile nan Cànanan Albannach air a dhol tro Phàrlamaid na h-Alba bho chionn ghorid, is sgìrean dha leithid mar phàirt dheth.
Thuirt Dòmhnall MacSuain: "Tha sinn air bruidhinn air, ach tha mi a' smaoineachadh gur e an teachdaireachd is làidire a tha sinn air a bhith a' toirt seachad gum feum na h-Eileanan an Iar air fad a bhith air an comharrachadh mar sgìre no sgìrean sònraichte.
"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e ciallach an uairsin sgìrean a chomharrachadh taobh a-staigh nan Eilean Siar, airson chan urrainn dhut an aon rud a dhèanamh ann am Barraigh sa bhios tu a' dol a dhèanamh ann an Steòrnabhagh mar eisimpleir.
"Cha bhiodh e ciallach aon sgìre mhòr a dhèanamh dheth. Ciamar a bhiodh tu a' dol a bhristeadh an àirde a h-uile càil? Chan eil fhios le cinnt aig an ìre seo."
Thuirt Mgr MacSuain cuideachd gu bheil e cudromach gum bi buidhnean air an aon ràmh nuair a thig e chun seo.
Tha dùil ri fios a bharrachd bhon riaghaltas mun bhile ann an ùine nach bi fada.
