Gàidheal ga shireadh do Bhòrd Choimisean an Fhearainn

Fearann
  • Air fhoillseachadh

Tha Riaghaltas na h-Alba a' sireadh cuideigin le Gàidhlig airson bòrd Choimisean an Fhearainn.

Tha iad airson triùir choimiseanairean ùra fhastadh, agus fon reachdas a thug a' bhuidheann gu bith, feumaidh iad oidhirp a dhèanamh co-dhiù aon duine le Gàidhlig fhaighinn.

Tha an ceann-là airson tagraichean a' teannadh dlùth ge-tà - 5:00f Dihaoine.

Stèidhich Riaghaltas na h-Alba an Coimisean, taobh a-muigh ann an 2017, fo Achd Ath-leasachaidh an Fhearainn a thàinig a-steach a' bhliadhna ron sin.

"Tha a' chiad bhòrd den Choimisean a' tighinn gu deireadh na teirme aca," thuirt Cathraiche a' bhùird, Mìcheal Ruiseall.

"Ghabh mise àite Anndra Thin mar chathraiche na bu tràithe am-bliadhna, agus tha sinn a' sireadh triùir choimiseanairean a thèid an àite feadhainn a tha gar fàgail.

"Dithis dhiubh sin - Sally Reynolds agus Lorne MacLeòid - tha iad gu math aithnichte mun iar 's mu thuath 's iad gu math trang an lùib ceannach coimhearsnachd, gu math trang a thaobh ghnothaichean cultarail is eile - gnothaichean cànain nam measg.

"Feumaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheil na sgilean sin mar phàirt den Choimisean.

"Gu h-àraid sgil a' chànain, agus thuirt sinn sin san t-sanas.

"'S e an ceann-là airson seo an 9mh Lùnastail, 's mar sin tha cabhag ann.

"Thuirt sinn gu bheil sinn airson a' Ghàidhlig fhaicinn air a riochdachadh agus ga bruidhinn sa Choimisean," thuirt e

A thuilleadh air dithis choimiseanairean fearainn ùr, tha iad cuideachd a' sireadh Coimiseanair nan Tuathanach Màil, dreuchd a tha a' toirt a-steach leithid a bhith mar eadar-mheadhanair eadar tuathanaich agus uachdarain.

Tha na coimiseanairean gam fastadh aig àm cudromach san roinn, le Bile ùr Ath-leasachaidh an Fhearainn a' dol tron Phàrlamaid.