Àrd-choinneamh mu Ghàrradh MhicFhearghais

Gàrradh MhicFhearghaisTùs an deilbh, FERGUSON MARINE
  • Air fhoillseachadh

Gheall Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba gun tèid a h-uile oidhirp a dhèanamh gus Gàrradh MhicFhearghais, a tha fo shealbh na stàite, a dhèanamh seasmhach 'son na h-ùine ri thighinn.

Bha Ceit Fhoirbeis a' bruidhinn air thoiseach air àrd-choinneimh Diardaoin mu na tha an dàn don ghàrradh ann am Port Ghlaschu.

Tha an dà bhàt-aiseig ùr a tha gan togail do ChalMac aig a' ghàrradh cha mhòr deiseil, ged a tha iad sia bliadhna air dheireadh, agus air chosgais a thrì uimhir na bha dùil.

Dh’innis aonadh an GMB nach iad an luchd-obrach fhèin a bu choireach ris na duilgheadasan leis na bàtaichean, ach gur iad a dh’fhuilingeas mura tèid cùmhnantan ùra fhaighinn.

Tha dùil gun can a' Bh-Ph. Fhoirbeis gun tèid gach nì a ghabhas a dhèanamh airson a’ ghàrraidh fhèin.

Thuirt an GMB gum bu chòir an cùmhnant airson seachd bàtaichean-aiseig ùra dealain a thoirt dìreach dhan ghàrradh, ach thuirt an Riaghaltas gu bheil riaghailtean teann ann a thaobh cuin agus ciamar a ghabhas sin dèanamh.