Naidheachdan 11:00m
Naidheachdan 11:00m
- Air fhoillseachadh
Salmond
Thuirt seann phrìomh mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, gur e Tony Blair, nuair a bha esan na Phrìomhaire, a bu choireach gun deach an càirdeas eadar Westminster agus Alba bhuaithe. Thuirt Mgr Salmond gur gann a bha Tony Blair a' bruidhinn ris a san. Bha Mgr Salmond a' toirt fianais an-diugh do Chomataidh Thaghte nan Cùisean Albannach ann an Westminster a tha a' rannsachdh a' chàirdeis eadar Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte agus Riaghaltas na h-Alba bho thòisich fèin-riaghladh.
Oifis a' Phùist
Thàinig e am follais gum b'aithne do riaghaltas Dhaibhidh Chamshroin gun do leig Oifis a' Phuist às rannsachadh dìomhair mu shiostam coirbte IT, Horizon, a dh'fhaodadh a bhith air dearbhadh gun robh fo-mhaighistearan puist neo-chiontach. Chaidh innse dhan riaghaltas aig Mgr Camshron ann an 2016 gur dòcha gu sealladh an rannsachadh gun deach cunntasan atharrachadh gun fhios do mhaighistearan puist. Thuirt Oifis a' Phuist gur ann aig an rannsachadh phoblach a tha co-dhùnadh ri a dhèanamh air na thachair.
Gàsa
Tha na Stàitean Aonaichte a' cur dreach rùn gu Comhairle Thèarainteachd nan Dùthchannan Aonaichte ag iarraidh, airson a' chiad uair, fosadh sa chogadh ann an Gàsa. Tha am moladh sin cuideachd a' cur an aghaidh ionnsaigh a tha Israel a' maoidheadh air baile Rafah far am bheil còrr 's millean fògarrach air cruinneachadh.
CNES
Tha comhairlichean nan Eilean Siar a' cur a' bhuidseit air dòigh an-diugh agus le beàrn £9m mun coinneimh tha làn dùil gun cur iad luach £1.7 millean de ghearraidhean an sàs. Tha coltas gur ann air Roinn an Fhoghlaim a laigheas a' mhòr chuid de na gearraidhean sin.
Fòirneart sna sgoiltean
Thuirt Cathraiche an Fhoghlaim aig Comhairle Baile Obar Dheathain gu rannsaich e aithrisean air fòirneart sna sgoiltean agus gun toir e taic do thidsearan. Fhuair rannsachadh a rinn an t-aonadh EIS gu bheil eagal air tidsearan sa bhaile a dhol dhan obair agus thuirt còrr 's leth den ochd ceud tidsear a fhreagair an sgrùdadh gu bheil iad a' faicinn fòirneart a h-uile là am measg sgoilearan san t-seòmar-teagaisg.