Dùil nach tèid inbhe dreuchd na còmhdhail àrdachadh

- Air fhoillseachadh
Thuirt am Prìomh Mhinistear nach eil e an dùil dleastanas airson còmhdhail ann an Riaghaltas na h-Alba àrdachadh gu inbhe rùnaire caibineit.
Dh'iarr Comhairle nan Eilean Siar gu foirmeil Diluain gur e sin a thachras nuair a thèid neach ùr a chur san dreuchd.
Tha an obair an-dràsta bàn is Caoimhin Stiùbhart air a dhreuchd fhàgail nas tràithe air a' mhìos air adhbharan slàinte.
Mar a tha cùisean an-dràsta, tha còmhdhail am measg nan dleastanasan aig Rùnaire a' Charboin Neodraich, Màiri NicAilein, le fo-dhreuchd aig ìre ministeir le uallach sònraichte air a son.
Thuirt cathraiche còmhdhail CnES, an Comh Ùisdean Robasdan, gum bu chòir dha dreuchd na còmhdhail "a bhith aig ìre a' chaibineit bho seo a-mach le làn-thaic an riaghaltais is maoineachadh aig ìre a tha freagarrach".
Prìomhachas
A' bruidhinn ris a' BhBC, thuirt Humza Yousaf gur e prìomhachas a th' ann an còmhdhail dha fhèin is Riaghaltas na h-Alba gu lèir.
Tha a h-uile coltas ann ge-tà, nach bi àrdachadh ann an inbhe na dreuchd.
"Feumar cuimhneachadh gu bheil rùnaire caibineit ann mar-thà le dleasdanas airson còmhdail", thuirt Mgr Yousaf.
"Tha mi a' smaointinn gu bheil e garbh fhèin cudromach gu bheil ministear fa leth ann airson còmhdhail", thuirt e.
Dh'innis Mgr Yousaf gu bheil e an dùil an neach a thèid an àite Chaoimhin Stiùbhairt ainmeachadh a dh'aithghearr.