Iomairt gus dachaigh cùraim Sròn an t-Sìthein fhosgladh às ùr

- Air fhoillseachadh
Thòisich iomairt 'son luchd-obrach fhastadh do Dhachaigh Cùraim Dail Mhòr ann an Sròn an t-Sìthein, a tha an-dràsta dùinte.
Dhùin an dachaigh san t-Samhain 2022.
Tha Ionad Mhic an Tòisich ann am Malaig air a bhith dùinte 'son bliadhna cuideachd.
Tha seo a' ciallachadh gum feum feadhainn às an sgìre a tha feumach air cùram a dhol dhan Ghearasdan no gu Baile a' Chaolais.
Ach tha dùil a-nise gun tèid sanasan obrach airson Dail Mhòr a sgaoileadh an ath-mhìos.
Tha buidheann chathrannais ionadail, Urram, gu mòr an sàs san iomairt.
Choinnich iadsan ri NHS na Gàidhealtachd, am BPA ionadail Ceit Fhoirbeis, is comhairlean coimhearsnachd na sgìre nas tràithe air a' mhìos gus an iomairt fastaidh a chur air dòigh gu h-oifigeil.
Thuirt cathraiche Urram gu bheil aonta ann gum bu chòir do NHS na Gàidhealtachd a bhith nas mionaidiche nuair a tha iad a' sanasachd obraichean.
"Tha sinn mothachail gu bheil duilgheadadan ann gu nàiseanta a thaobh luchd-obrach fhastadh ann an roinn a' chùraim, gu h-àraidh bho àm Chovid", thuirt Seumas Hilder.
"Ann an sgìrean dùthchail gu h-àraidh ge-tà, tha buaidh glè mhòr ann ma tha fiù 's dithis no triùir a' fàgail nan dreuchdan, is mar sin tha sinn ann an suidheachadh gu math cugallach.
Modail
"Tha sinn den bheachd gum bu chòir dhan NHS a bhith a' coimhead gu sònraichte air na sgìrean far a bheil na h-obraichean stèidhichte.
"Tha sinn air iarraidh orra a ràdh gur ann anns an sgìre seo gu mionaideach a tha na h-obraichean a tha iad a' sanasachd, seach a radh gu bheil dreuchdan cùraim aca ann an Loch Abar san fharsaingeachd.
"Dheànadh sanas le fòcas sònraichte mar sin, dhèanadh e feum mòr", thuirt e.
Tha Urram cuideachd ag ràdh gum bu chòir dha dreuchdan cùraim ann an sgìrean dùtchail a bhith sùbailte, gus am bi cothrom ann feum a dhèanamh de luchd-obrach nach biodh ri fhaighinn 's dòcha ach beagan uairean a thìde san t-seachdain.
'S e modail cùram ionadail a tha iad ag iarraidh.
"Tha sinn ag obair le NHS na Gàidhealtachd gus plana ionadail a chur air dòigh", dh'innis Louise White bho Urram.
"Tha sinn an dòchas na seirbheisean àbhaisteach a thilleadh ach cuideachd taic a bharrachd fhaighinn bhon choimhearsnachd, cuid 's dòcha ag obair gu saor-thoileach, cuid eile ag obair gus taic a chumail rin nàbaidhean.
"Nam biodh sin uile ag obair còmhla, bhiodh siostam taice glè làidir ann do dhaoine a tha feumach air cùram is a tha 'son fuireach sa choimhearsnachd aca fhèin", thuirt i.
Tha Urram ag ràdh gum biodh seo na chuideachadh mòr gus daoine fhaighinn a-mach à Ospadal a' Bhelford nuair a tha cothrom ann sin a dhèanamh, agus air ais gu cùram san sgìre ionadail aca.
Thuirt a' bhuidheann gun tèid sanasan obrach airson Dachaigh Cùraim Dail Mhòr a sgaoileadh le NHS na Gàidhealtachd san t-Sultain.