Trump 2.0 – Cò ris am bu chòir dhuinn a bhith an dùil?

- Air fhoillseachadh
Tha e air ais.
Aig aois 78, 's e Dòmhnall Trump an ceann-suidhe as sine a tha air dàrna teirm a thòiseachadh a-riamh, ach na creideadh duine sam bith le sin nach eil a dhàrna teirm gu bhith air leth cudromach dhan àm ri teachd anns na Stàitean Aonaichte agus dhan t-saoghal air fad.
Le làimh air Bìoball a fhuair e bho a mhàthair à Leòdhas, innsidh Dòmhnall Trump an taobh a-staigh togalach a' Chapitol ann an Washington D.C. gum bi e dìleas do bhun-reachd nan Stàitean Aonaichte.
Mar as àbhaist, tha dàrna teirm aig ceann-suidhe a' strì an aghaidh dheasbadan mu dheidhinn cò thig às an dèidh. Ach chan e dàrna term àbhaisteach air neò ceann-suidhe àbhaisteach a th' ann an Dòmhnall Trump idir.

Bho chionn ceithir bliadhna, bha a h-uile coltas ann gun robh bliadhnaichean Dhòmhnaill Trump ann an poileataigs seachad.
Bha e air taghadh 2020 a chall. Bha buaidh a' phandemic air sgrios a thoirt air na figearan eaconomach a bha e air cur aig meadhan na h-iomairt aige.
Bha an luchd-taic aige air ùpraid adhbharachadh aig a' Chapitol nuair a chaidh buaidh Joe Biden na aghaidh innse gu h-oifigeil.
Buannachadh às dèidh bhliadhnaichean de thrioblaidean
A-mach à cumhachd, lean tuilleadh thrioblaidean.
Thàinig cùisean laghail na aghaidh mu iomadh chuspair, bho chasaidean mu bhith a' cumail dhocamaidean oifigeil, gu a bhith a' feuchann ri toraidhean an taghaidh atharrachadh, gu a bhith a' pàigheadh bana-chleasaiche fheiseil airson fuireach sàmhach mu dhad sam bith a bha i a' dèanamh a-mach a thachair eadarra.
Chaidh Dòmhnall Trump às àicheadh gach casaid.
Am bì na Stàitean Aonaichte 'great again'?
Cha robh e ann an cumhachd, ach bha e fhathast ag iomairt.
Fada bho a bhith a' dùnadh leabhair 'MAGA' (Make America Great Again), sgrìobh bliadhnaichean Dhòmhnaill Trump a-mach à cumhachd caibideil eile ann am poileataigs nan Stàitean Aonaichte.
Chùm na ralaidhean aige a' dol, agus bha e fhathast aig meadhan chòmhraidhean dhaoine ann an Aimeireagaidh agus air feadh an t-saoghail.
Le bhith a' buannachadh taghadh 2024 an aghaidh Kamala Harris agus nan Deamocratach, bhuannaich Maighstear Trump mòr-chuid den bhòt phoblaich agus a h-uile gin de na seachd stàitean a dhearbhadh an taghadh.
Fada bho a bhith seachad, fhuair beatha phoileataigeach Dhòmhnaill Trump ath-bheòthachadh.

Tha aire a-nisd a' tionndadh gu na nì Dòmhnall Trump agus cumhachdan a' Chinn-suidhe aige uair eile.
Seach a bhith a' tionndadh aire gu cò thig às dèidh ceann-suidhe anns an dàrna teirm aige, tha Poblachdaich a' faireachdainn gum feum iad obair gu luath agus gu sgiobalta fhad 's tha Maighstear Trump air ais. Tha puingean aca, agus aige, ri dhearbhadh.
Prìomhachasan
Tha dùil ri cnap de dh'òrdughan a thig bhon Cheann-suidhe an ìre mhath cho luath 's a bhios e na dhreuchd.
Tha mar a bhios na Stàitean Aonaichte a' dèiligeadh ris na crìochan aca mu dheas air a bhith na phuing-còmhraidh do Phoblachdaich, agus mì-thoileachas dha-rìribh ann mu dheidhinn nan àireamhan a tha air tighinn tarsainng nan crìochan le Meagsago.
Crìochan
Tha dùil ri oidhirp gu math mòr cuid de dh'imrich a thàinig a dh'Aimearagaidh gu mì-laghail a chur air ais do na dùthchannan às an tàinig iad.
Tha mì-thoileachas Dhòmhnhaill Trump mu aontaidhean àrainneachdail anns a bheil na Stàitean Aonaichte an sàs cuideachd follaiseach.
Chan e a bhith a' cumail ri amasan uaine a tha cudromach dhan cheann-suidhe ùr, ach a bhith a' fosgladh chothroman do dh'ola agus gas anns an àiteachan a leithid Pennsylvania agus Michigan.
Bha a' chiad teirm aige cuideachd air leth cudromach do dh'àrd-chùirt na dùthcha. Chan e aon, no dhà, ach trì cothroman a fhuair e airson britheamhan ainmeachadh dhan dearbh bhuidheann anns nach eil ach naoi buill.
Bliadhnaichean a bhios cudromach do gach dùthaich
Le dìthis bhritheamhan a chaidh a chur air a' chùirt tro Phoblachdaich a-nis còrr air 70 bliadhna a dh'aois, tha a h-uile teansa ann gun seas iad sìos, a' toirt chothroman eile do Mhaighstear Trump feadhainn a chur air a' chùirt.
Agus gu h-eadar-nàiseanta, ma leanas an dàrna teirm aige pàtran a' chiad theirm, cha bhi na Stàitean Aonaichte cho deònach a bhith na neach-poilis dhan t-saoghal. Tha sin a' togail cheistean mu na thachras dhan Ugràn gu seachd àraid.
Faisg air deich bliadhna bhon a dh'innis e gum biodh e a' ruith airson a' chiad uair, tha dàrna achd Dhòmhnaill Trump gus tòiseachadh. Agus cha bhi roghainn aig dùthaich sam bith a bhith a' creidsinn nach eil a dhàrna teirm gu bhith gu math cudromach air feadh an t-saoghail.