Teine aig Eaglais a' Bhàigh an Tiriodh

- Air fhoillseachadh
Chaidh Eaglais a' Bhàigh ann an Tiriodh a mhilleadh às deidh teine san togalach.
Chuireadh fios chun nam poileas mu 3.30m Dihaoine gun robh an eaglais aig an Eaglais Bhàistich san eilean na teine.
Thuirt Seirbheis Smàlaidh agus Teasairginn na h-Alba gun do chur iad sgioba de luchd-smàlaidh chun na làraich agus gun deach an teine a chur às.
Dhearbh iad nach deach duine a ghoirteachadh.
Thuirt ministear na h-eaglaise, Rut Kelso, ann an teachdaireachd air na meadhanan-sòisealta gur naidheachd dhuilich a bh' ann nuair chuala i gun robh an togalach air a dhol na theine.
"Ged a tha sinn air an togalach a chall, tha an eaglais againn gu math beò fhathast agus gu bheil earbsa againn ann an Dia 'son an àm ri teachd", thuirt i.
Dhearbh am ministear cuideachd gum bi an co-thional a' cruinneachadh ann an talla-coimhearsnachd Thiriodh, An Talla, madainn Didòmhnaich bho seo a-mach.