Cùis Renee NicRath: Seann togalaichean gan rannsachadh

- Air fhoillseachadh
Dh'innis Poileas Alba gur dòcha gu bheil seann togalaichean ceangailte ri murt Renee NicRath agus a mac Anndra ann an 1976.
Fhuaireadh Uilleam MacDhùghaill ciontach an-uiridh gun do mhurt e Renee is am mac Anndra.
Bhàsaich MacDhùghaill, 81, sa phrìosan sa Ghearran gun innse càite an do chuir e na cuirp.
Tha na poilis ag ràdh a-nise gu bheil iad a' coimhead ri togalaichean a bha ceangailte ri MacDhùghaill.
Tha iad den bheachd gur dòcha gun do choinnich e fhèin is Renee aig togalaichean a bha bàn nuair a bha iad a' falbh le chèile.
"Tha sinn a' coimhead air tràth agus meadhan nan 1970an is tha sinn an dòchas gun cuimhnich cuideigin gum faca iad am BMW aig Renee NicRath, 's dòcha còmhla ri Volvo a bh' aig companaidh MhicDhùghaill, no an Range Rover geal a bh' aig a theaghlach", thuirt an DCI Brian Geddes.
"Tha sinn cuideachd a' coimhead air àitichean far am biodh iad 's dòcha air coinneachadh, nam measg a' Bhuaile Dhubh os cionn Loch Nis, Inbhir Faragaig, is eadar Taobh Inbhir Nàrann is Deimhidh", thuirt e.
Dh'iarr an DCI Geddes air duine sam bith le fiosrachadh tighinn air adhart.