Suidheachadh aiseag a' Chorrain na "chùis èiginn"

Mìcheal Foxley
  • Air fhoillseachadh

Thug seann cheannard Comhairle na Gàidhealtachd, an Dr Mìcheal Foxley, fruiseadh air a' chomhairle, 's e ag ràdh nach eil iad a' tuigsinn gur e suidheachadh èiginneach a th' ann an aiseag a' Chorrain.

Dhearbh Comhairle na Gàidhealtachd Dimàirt nach bi prìomh aiseag a’ Chorrain, an MV Corran, a’ tilleadh gu seirbheis ann an Loch Abar gu meadhan na Dàmhair – bliadhna an dèidh dhi a bhith air a toirt air falbh airson càradh.

Chan eil seirbheis ann do chàraichean an-dràsta agus an MV Maid of Glencoul, a chaidh a chur air an t-slighe nuair a bhris an MV Corran, briste i fhèin a-rithist.

Tha seirbheisean do luchd-coise a mhàin eadar an Corran agus Àird Ghobhar agus eadar Àird Ghobhar agus an Gearasdan.

Obair-caraidhTùs an deilbh, Comhairle na Gàidhealtachd
Fo-thiotal an deilbh,

Tha dùil aig Comhairle na Gàidhealtachd gum bi an obair air an MV Corran deiseil air an 8mh den Dàmhair agus gun till i gu seirbheis an dèidh dheuchainnean ann am meadhan na mìos.

Tha mòran troimh-chèile air a bhith ann leis an t-seirbheis anns a' bhliadhna mu dheireadh agus tha daoine anns an sgìre a' gearan gu bheil an suidheachadh air cron mòr a dhèanamh air an eaconomaidh.

Tha an dàil as ùire a’ cur ris an fhearg a tha air daoine.

Tha seann cheannard Comhairle na Gàidhealtachd, an Dr Mìcheal Foxley, a tha na iar-chathraiche air Comhairle Choimhearsnachd Àird Ghobhair, ag ràdh gun dùin cuid de ghnothachasan ma leanas cùisean mar a tha iad.

“Sin an t-adhbhar gum feum rud a bhith air a dhèanamh an-dràsta. Tha seo co-ionnann ris an sgoil ionadail a bhith a’ dol na teine.

“Chan eil thu a’ beachdachadh air rud a dhèanamh an ceann bliadhna no an ceann ceithir bliadhna. Feumar dèiligeadh ris an-dràsta.

"'S e cùis èiginn a tha seo a bu chòir prìomhachas fhaighinn,” thuirt e.

An MV Maid of Glencoul
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh an MV Maid of Glencoul a chur air an t-slighe an-uiridh ach tha i nas lugha agus air a bhith briste grunn thursan.

Tha Màiri Anna NicUalraig, a tha a' fuireach ann an Àird Ghobhair agus aig a bheil gnothachas ann an sin, am measg na tha air a bhith a’ strì airson seirbheis nas fheàrr.

Thuirt i gu robh e na fhaochadh gu bheil an t-aiseag mòr a’ tilleadh ach gur e glè bheag de ghàirdeachais a bhathas a’ dèanamh san sgìre às dèidh a bhith bliadhna às aonais na soithich.

“Tha daoine sàraichte. Tha iad feargach. Tha iad a’ faireachdainn gu robh iad air an trèigsinn leis a’ chomhairle," thuirt i.

Tha Ms NicUalraig den bheachd gu bheil an t-ùghdarras ionadail a’ dèanamh dìmeis air a’ choimhearsnachd leis gun do dhiùlt iad còmhraidhean a chumail mu airgead dìolaidh no taic dhan choimhearsnachd ri linn na tha iad air fulang.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' feuchainn ri £50m fhaighinn bho Riaghaltas Westminster airson aiseag dealain fhaighinn airson na seirbheis.

Tha bruidhinn ann cuideachd mu cheangal stèidhichte agus tha taic airson sin ga thomhas le Buidheann Gnìomha a' Chorrain.

Tuilleadh air an sgeulachd seo