Dùghlas Ros gus a dhreuchd a leigeil dheth

- Air fhoillseachadh
Tha Dùghlas Ros gus a dhreuchd mar cheannard nan Tòraidhean ann an Alba a leigeil dheth.
Fuirichidh e san dreuchd gus am bi an taghadh seachad.
Fàgaidh e a dhreuchd mar bhall aig Holyrood cuideachd ma thèid a thaghadh aig Westminster.
Tha seo a' tighinn às dèidh do chasaidean nochdadh gun do chleachd e cosgaisean Westminster gus a bhith a' siubhal mar phàirt den obair aige mar oifigear buill-choise.
Tha buaireadh a' leantainn cuideachd mun cho-dhùnadh nach seas Dàibhidh Duguid a-rithist mar thagraiche dha na Tòraidhean ann an Siorrachd Obar Dheathain a Tuath is Moireibh an Ear aig an taghadh, is Mgr Ros gus seasamh na àite.
Dh'innis neach à Tòraidhean na h-Alba dhan BhBC gun robh Mgr Ros mothachail nach biodh buill a' phàrtaidh aig Holyrood a' gabhail ris nam biodh e na bhall an dà chuid an sin agus aig Westminster.
Thuirt iad gun tug am buaireadh a th' air a bhith ann bho nochd e gun seas e an àite Dàibhidh Duguid buaidh air a' ghnothach cuideachd.
"Ma gheibh mi an t-urram muinntir na roinne ùire seo a riochdachadh, bu chòir fios a bhith aca gum bi làn aire agam orra", thuirt Dùghlas Ros.
"Mar sin, fàgaidh mi mo dhreuchd mar cheannard às dèidh an taghaidh air a' 4mh den Iuchar, nuair a thèid ceannard ùr a thaghadh.
"Ma shoirbheachas leam san taghadh, leigidh mi dheth mo dhreuchd cuideachd mar BhPA gus àite a dhèanamh do bhall eile bho Thòraidhean na h-Alba".
Thuirt Mgr Ros cuideachd gun deach na cosgaisean aige a cheadachadh leis a' bhuidhinn-riaghlaidh, an IPSA, is gum biodh e glè riaraichte leigeil leotha a bhith air an sgrùdadh a-rithist.
Thuirt tagraiche an SNP ann an Siorrachd Obar Dheathain a Tuath is Moireibh an Ear, Seamus Logan, gun robh e follaiseach gun deach toirt air Mgr Ros a dhreuchd mar cheannard fhàgail ri linn "dol a-mach nàir a thaobh Dhàibhidh Duguid agus sgainneal mu chosgaisean".
Rinn leas cheannard nan Làbarach ann an Alba, Jackie Baillie, càineadh air na Tòraidhean is i ag ràdh nach robh e na iongnadh gun robh Dùghlas Ros air "oidhirp iomairt a tha a' sìor dhol bhuaithe ath-bheothachadh a leigeil às".
Thuirt ceannard nan Lib Deamach ann an Alba, Ailig Cole Hamilton, gu bheil na tha air tachairt na dhearbhadh "air pàrtaidh a tha a' tuiteam às a chèile".
Tagraichean Siorrachd Obar Dheathain a Tuath is Moireibh an Ear
Ian Bailey (Libearalaich Dheamocratach na h-Alba)
Andy Brown (Pàrtaidh Làbarach na h-Alba)
Jo Hart (Reform UK)
Seamus Logan (Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba)
Dùghlas Ros (Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba)