A' chlaimh air uàrd a dhùnadh aig Ospadal an Ràthaig Mhòir

- Air fhoillseachadh
Chaidh uàrd aig Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis a dhùnadh do dh'euslaintich ùra an dèidh dhan chlaimh sgapadh ann.
Tha seo a' toirt buaidh air Uàrd 6C an-dràsta, ged is ann ann an Uàrd 3A a thòisich an sgapadh.
Thuirt labhraiche do NHS na Gàidhealtachd gu bheil cùram euslaintich san uàrd a' leantainn.
Thuirt iad gu bheil ceumannan gan gabhail airson smachd a chumail air an sgapadh, agus airson dèanamh cinnteach gum faigh a h-uile euslainteach an cùram air a bheil iad feumach.