Riochdairean Rannsachadh Chovid a' tadhal air Inbhir Nis

Tha an Rannsachadh airson cluinntinn bhon t-sluagh mun bhuaidh a thug am pandemic orra.
- Air fhoillseachadh
Tha riochdairean bho rannsachadh poblach na Rìoghachd Aonaiche air Covid a’ tadhal air Inbhir Nis Dimàirt, 's iad airson cluinntinn bhon t-sluagh mun bhuaidh a thug am pandemic orra.
'S e Every Story Matters ainm an tachartais agus bidh an dearbh rud a' ruith anns an Òban airson dà là cuideachd.
Thathar an dòchas gun urrainn dhaibh fiosrachadh a chruinneachadh a bhios feumail gus an sluagh a dhìon anns na bliadhnaichean ri teachd.
Bidh a' chiad tachartas a' tòiseachadh aig Ionad an Spectrum ann an Inbhir Nis aig 10:00m. agus bidh bi na tachartasan aig Ionad Achadh na Creige anns an Òban a' tòiseachadh aig an aon àm Diciadain agus Diardaoin.
Ach tha boireannach a tha ag iomairt às leth dhaoine air a bheil Covid Fada air an tachartas a chàineadh.
Tha Covid Fada air Freja Lundberg agus tha i air draghan a thogail mun tachartas ann an Inbhir Nis.
Fhuair Freja Lundberg Covid-19 san Fhaoilleach 2021, agus thug e buaidh mhaireannach air a slàinte.
"Bha mi gu math meadheanach nuair a fhuair mi an galar anns a' chiad dol a-mach ach cha d' fhuair mi seachad air sin riamh.
"Às dèidh sinn, b' ann air èiginn a b' urrainn dhomh seantansan a chur le chèile, cha b' urrainn dhomh a chumail nam dhùisg ach airson ceithir uairean de thìde aig aon àm.
"Tha mi a-nise ann an cathair-chuibhle ri linn Chovid - tha e air a' bheatha agam atharrachadh gu tur," thuirt i.
Iomairt
Tha Ms Lundberg air a bhith ag iomairt airson inbhe agus aithne a thoirt do dhaoine a tha a' fulang le Covid Fada ann an Alba.
Ach tha i ag ràdh nach eil gu leòr air a dhèanamh gus an tachartas a dhèanamh freagarrach dhaibhsan air a bheil an galar.
"Le a bhith a' cumail tachartais fiosaigich far am feum daoine nochdadh far nach eil e fosgailte ach airson beagan uairean de thìde, far nach urrainn do dhaoine pàrcadh air an taobh a-muigh gu furasta, tha thu a' cur bacadh mu choinneamh tòrr dhaoine bho a bhith an làthair, daoine nach eil airson Covid fhaighinn a-rithist, nach eil comasach air faighinn a-steach dhan àite," thuirt i.
Ceumannan
Ann am brath-naidheachd, thuirt neach-labhairt airson an Rannsachaidh gu bheil iad a' tuigsinn gum faodadh daoine a bhith mì-chinnteach mu a bhith an làthair ach gu bheil iad air ceumannan a ghabhail mu choinneamh sin.
Tha iad ag ràdh gu bheil iad air uidheamachd HEPA a chur an sàs airson an t-adhar a ghlanadh agus gum feum luchd-obrach deuchainn Chovid gach là mus tig iad chun nan tachartasan.
"Tha fios againn gu bheil e riatanach gum faigh daoine air a bheil Covid Fada cothrom an obair againn fhaicinn agus tha sinn air grunn cheumannan a chur an gnìomh.
"Tha an Rannsachadh ag obair le Buidheann Comhairliche Chovid Fada, buidheann anns a bheil daoile air a bheil Covid Fada, agus a bha a' toirt comhairle seachad air mar a chaidh Every Story Matters a leasachadh, agus tha sin a' gabhail a-steach nan tachartasan coimhearsnachd.
"'S e na thachartasan fiosaigeach, mar an fhear a tha a' tachairt ann an Inbhir Nis an-diugh dìreach aon dòigh airson fiosrachadh a thoirt don Rannsachadh. Tha sinn cuideachd ag obair gu dlùth ri buidhnean gus tachartasan a chumail air-loidhne," thuirt an neach-labhairt.