Naidheachdan 11:00m

Fo-thiotal,

Naidheachdan 11:00m

  • Air fhoillseachadh

Bàs leis an Dibhe

Thàinig àrdachadh air an àireimh de dh’Albannaich a fhuair bàs tro dheoch làidir. Sheall àireamhan bho Chlàran Nàiseanta na h-Alba gun do chaochail 1,276 duine an-uiridh tro bhith ag òl cus. Sin àrdachadh de 2% an coimeas ris a’ bhòn-uiridh. ‘S iad fireannaich a bh’ ann an dà thrìan de na bhàsaich.

Plèanaichean

Thàinig rabhadh bho chompanaidhean adhair agus puirt-adhair gum faodadh gum bi làithean ann fhathast mus till seirbheisean air ais chun na h-àbhaist às dèidh nan trioblaidean le seirbheis iùil nam plèanaichean. Chaidh na deichean-mhìltean luchd-siubhail a ghlacadh aig puirt-adhair nuair a dh’fhàilig an siostam coimpiutaireachd aig Seirbheis Iùil na Rìoghachd Aonaichte an-dè. Chaidh còrr air 180 seirbheis a-mach ‘s a-steach às an Rìoghachd Aonaichte a chur dheth an-diugh sa mhadainn.

Clann gun Dachaigh

A rèir àireamhan ùra tha an àireamh de chloinn ann an Alba a tha gun dachaigh agus a’ còmhnaidh ann an àiteachan-fuirich eadar-amail aig an ìre as àirde riamh. Anns a’ Mhàrt bha cha mhòr 9,600 duine-cloinne gun dachaigh cheart – sin an àireamh as àirde bhon a thòisich Riaghaltas na h-Alba a’ cumail chlàr ann an 2002. Tha an ùine àbhaisteach a tha daoine air feitheamh airson dachaigh mhaireannaich cuideachd air èirigh gu seachd mìosan.

Obar Dheathain

Tha Poileas Alba a’ rannsachadh bàs fireannaich ann an Obar Dheathain. Thuirt oifigearan gun d’ fhuair iad brath mu 9:00f an-raoir mu bhàs duine aois 45 aig Seton Walk sa bhaile. Tha iad ag ràdh nach eil fios aca fhathast dè thug bàs dha agus tha iad air an làrach a dhùnadh fhad ‘s a tha sgrùdadh ga dhèanamh.

Nadine Dorries

Leig Nadine Dorries dhith a dreuchd mar Bhall-Pàrlamaid gu foirmeil an-diugh. Dhearbh Roinn an Ionmhais gun robh an Seansalair air a h-ainmeachadh mar Mhaor nan Chiltern Hundreds, a’ ciallachadh gu bheil i air Taigh nan Cumantan fhàgail. Dh’innis a’ Bh-Mhgr Dorries air an 9mh là den Ògmhios gun robh i a’ dol a dh’fhàgail anns a’ bhad is fearg oirre nach d’ fhuair i a’ mhoraireachd a bha Boris Johnson air gealltainn dhi. Thèid fo-thaghadh a chumail a-niste ann an roinn Meadhan Bedfordshire far an do choisinn i mòr-chuid de 54,000 anns an taghadh choitcheann mu dheireadh.

Truailleadh Adhair

Fhuair sgrùdadh ùr gum faodadh gun caill daoine a tha a’ fuireach ann an sgìrean le droch chàilleachd adhair suas ri dà bhliadhna far am beatha. Tha rannsachadh a chaidh a dhèanamh le Institiùd Poileasaidh a’ Chumhachd ann an Chicago a’ sealltainn gu bheil truailleadh adhair bho thrafaig, ghnìomhachas agus theintean mora a cheart cho dona ri bhith a’ smocadh, agus trì tursan nas cunnartaiche na bhith ag òl. ‘S e Àisia a Deas an sgìre as motha a tha a’ fulang leis an truailleadh adhair as miosa ga thomhas ann am Bangladais, na h-Ìnnseachan, Neapàl agus Pagastan.

Toyota

Agus tha a’ chompanaidh chàraichean as motha air an t-saoghal, Toyota, air a h-uile factaraidh aca ann an Iapan a dhùnadh rè ùine. Tha a’ chompanaidh ag ràdh gum b’ fheudar dhaibh na 14 ionadan a dhùnadh air sàilleibh thrioblaidean leis an t-siostam saotharach aca. Cha do dh’innis Toyota dè dh’adhbharaich an trioblaid, ach tha iad ag ràdh nach b’ e ionnsaidh saidhbear a bh’ ann.