Fear sa chùirt san Òban fo chasaid ionnsaigh

Cùirt an t-Siorraidh san Òban
  • Air fhoillseachadh

Nochd Cailean Ceanadach, a tha na choimiseanair air Coimisean na Croitearachd agus a bha na fhear-gairm air a’ bhuidheann, air beulaibh Cùirt an t-Siorraidh anns an Òban an diugh co-cheangailte ri tachartas a ghabh àite air Eilean Cholla anns an Òg-mhìos 2021.

Tha e fo chasaid gun tug e ionnsaigh air Mgr Nicolas MacThòmais le bhith gabhail greim air a' chuid aodaich, ga phutadh ri balla, a’ feuchainn ri dòrn a thoirt dhà, ga bhreabadh mu bhothaig, a’ gabhail greim air amhaich, ga phutadh agus a’ fosgladh doras a thug air a làmh a bhualadh san doras a’ ciallachadh gun do ghoirtich e làimh.

Bha an dara casaid na aghaidh a’ fàgail air gun robh e ga ghiùlain fhèin ann an dòigh a bha mùidheadh air neach eile, a’ dol a-steach a thaigh gun chuireadh, a’ dol gu uinneig, ag èigheachd, a bhith ri droch chainnt, a’ toirt droch bheul do Nicolas MacThòmais, ag iarraidh air Mgr MacThòmais falbh, ag iarraidh air sabaid agus a’ feuchainn ri doras fhosgladh barrachd na aona turas.

Tha Mgr Ceanadach a’ dol às àicheadh nan casaidean.

Thuirt am fear-lagha aig Mgr Ceanadach ri Mgr MacThòmais gun robh esan fo bhuaidh na dibhe agus a’ toirt droch bheul do Mhgr Ceanadach agus gun do leum e thuige.

Chaidh Mgr MacThòmais às àicheadh seo.

Bha Mgr Ceanadach roimhe na fhear-gairm air Coimisean na Croitearachd agus bha e an-sàs ann an connspaid co-cheangailte ri comataidh ionaltraidh ann an Col Uarach ann an Leòdhas.

Bha eas-aonta ann a thaobh mar a b’ urrainn don chomataidh an t-airgead aca a chosg.

Chuir Mgr Ceanadach a’ chomataidh à bith.

Às dèidh seo, dh’ iarr Riaghaltas na h-Alba air Mgr Ceanadach seasamh sìos.

Tha a’ chùis a’ leantainn.