Binn còig bliadhna air coidse a dh'èignich nighean

- Air fhoillseachadh
Chuireadh binn còig bliadhna sa phrìosan air coidse ball-coise òigridh air Ghàidhealtachd a dh'èignich nighean òg sa chàr aige an sgìre Inbhir Nis.
Chaidh Lee Moireach, 53, fhaighinn ciontach san Iuchar air ceithir casaidean de dh'èigneachadh agus ionnsaigh fheiseil air pàiste.
Bha Moireach roimhe na choidse aig cluba ball-coise Thistle Girls an Inbhir Nis.
Fhad 's a bha e ma sgaoil air urras, chuir e teachdaireachdan drabasta gu boireannach a bha a' leigeil oirre gur e nighean 14 bliadhna de dh'aois a bh' innte.
Thachair seo eadar am Faoilleach 2021 agus an Dàmhair 2022.
Chaidh binn còig bliadhna sa phrìosan a chur air Moireach agus thèid sùil a chumail air airson dà bhliadhna eile às dèidh sin.
Chaidh e cuideachd a chur air clàr nan drabastairean.
Thuirt Neach-casaid a' Chrùin airson Eucoirean Feiseil san Àrd-Chùirt, Katrina Parkes, gun robh àite aig Moireach sa choimhearsnachd anns an cuireadh daoine earbsa fhad 's a bha e ri eucoirean feiseil uabhasach.
Thuirt i gu bheil Moireach na chunnart do chloinn.