Baileat roinneil na "bhall-airm dìomhair" 'son a' chùis a dhèanamh air an SNP - Findlay

Dh'iarr Russell Findlay gum bhòtadh Albannaich do na Tòraidhean sa bhaileat roinneil air an 7mh den Chèitean
- Air fhoillseachadh
Tha ceannard nan Tòraidhean ag ràdh gur e bhòt dhaibhsan air an liosta roinneil sna taghaidhean Holyrood "ball-airm dìomhair" airson an cumhachd a thoirt bhon SNP.
Dh'innis Russell Findlay do cho-labhairt a' phàrtaidh ann an Dùn Èideann gur e bhòt do na Tòraidhean "dòigh chiallach" stad a chur air John Swinney bho bhith a' tilleadh gu Taigh Bhòid mar phrìomh mhinistear.
Tha Mgr Swinney air a ràdh roimhe gur e mòr-chuid don SNP aig Holyrood an aon dòigh dèanamh cinnteach gum biodh dàrna referendum air neo-eisimeileachd.
Ach na òraid, thuirt Mgr Findlay: "San taghadh seo, tha sinn a' dol a dhèanamh strì às leth an fheadhainn a nì an rud ceart, ach a tha a' faireachdainn nach eil iad a' dèanamh adhartais.
"Ball-airm dìomhair"
"Air an 7mh den Chèitean, 's e an dàrna bhòt den dà bhòt agaibh - an tè air a' phàipear bhaileit soilleir orains - am ball-airm dìomhair agaibh.
"'S e an dòigh chiallach bacadh a chur air an SNP air feadh na dùthcha."
Thug e rabhadh nach e bhòt do Reform UK an dòigh gus sin a dhèanamh.
Thuirt e: "Chan eil luachan neo poileasaidhean stèidhichte aca."
Gheall e gum faigheadh luchd-pàighidh nan cìsean ais-phàigheadh leis an airgead nach bi Riaghaltas na h-Alba a' cosg sa bhliadhna.
Stèidhichte air a' bharrachas a bh' ann an-uiridh, thuirt Mgr Findlay gum faigheadh gach neach-pàighidh cìse timcheall air £200.
Poileasaidhean nan Tòraidhean
Am measg nam poileasaidhean eile a tha na Tòraidean a' cur air adhart tha gun tèid cur às don bhun-phrìs air deoch-làidir agus gun tèid na h-ionadan an Glaschu far am faod daoine drugaichean a ghabhail gu sàbhailte a dhùnadh.
Tha am pàrtaidh cuideachd air gealltainn gun ais-ghairm iad reachdas an SNP mu bhith a' saoradh phrìosanach tràth.
A thaobh foghlaim, tha iad ag iarraidh gum bi cumhachd aig ceannardan-sgoile, seach comhairlean, casg maireannach a chur air sgoilear.
Chuireadh iad cuideachd casg air fònaichean-làimhe sna seòmraichean-teagaisg, thuirt iad.
Tha na Tòraidhean Albannach ag iarraidh gum bi cead aig sgoiltean gun a bhith fo sgèith comhairle - agus iad a' nochdadh cho math 's a tha Sgoil Chnoc Iòrdain ann an Glaschu air a dhèanamh.
Tha am pàrtaidh cuideachd an dòchas nach bi sònaichean beag-emiseanan ùra air an comharrachadh, agus iad airson ath-sgrùdadh a dhèanamh air an fheadhainn a th' ann.
A bharrachd air an sin, dh'iarradh iad gum bi maoin nàiseanta ann airson dèiligeadh ri tuill sna rathaidean.
San Fhaoilleach, mhol Mgr Findlay nach fhaigh barrachd na dithis chloinne ann an teaghalch cothrom air sochair-chloinne.
Na bheachd, tha Sochair Chloinne na h-Alba - a gheibh teaghlaichean a th' air cuid de shochairean - gan cur dheth bho bhith ag obair.
Thuirt e: "Bu chòir do shochairean a bhith ann mar lìon sàbhailteachd, chan e roghainn dòigh-beatha."