Coinneamhan mun LOTI air fàire

MV Lord of the Isles
  • Air fhoillseachadh

Cumaidh CMAL coinneamhan ann an Uibhist a Deas agus Malaig an ath-sheachdain gus innse mu phlanaichean airson bàta-aiseig ùr a ghabhas àite an MV Lord of the Isles.

Tha iad air na coinneamhean a chur air dòigh ann an co-bhann le Còmhdhail Alba is CalMac.

Bidh a’ chiad choinneamh ann an Cnoc Soilleir ann an Dalabrog Diluain seo tighinn (13mh Samhainn) eadar 7:00f agus 8:30f.

Thèid an dàrna coinneamh a chumail ann an Talla Coimhearsnachd Mhalaig agus Mhòrair Diciadain (15mh Samhainn) eadar 4:00f agus 6:00f.

Gheibh na thèid ann cothrom cluinntinn mun phròiseact, a tha an-dràsta aig ìre dhealbhachaidh.

Gheibh iad cuideachd cothrom ceistean fhaighneachd mu na planaichean agus am beachdan fhèin a thoirt seachad.

Thuirt àrd-oifigear CMAL, Caoimhin Hobbs, gu bheil beachdan nan coimheansachdan uabhasach cudromach dhaibh, is gu bheil e an dòchas gun tig daoine chun nan coinneamhan ma 's urrain dhaibh

Thèid am fiosrachadh a bhios air a thaisbeanadh aig na coinneamhan fhaighinn air làrach-lìn CMAL às dèidh làimh, is faodar ceistean agus beachdan mun phròiseact a chur thuca air post-dealain aig àm sam bith.