Buaireadh mu sheasmhachd raoin-ghoilf ùir

- Air fhoillseachadh
Tha buaireadh ann an Cataibh mu co-dhiù ghabhas raon-goilf ùr connspaideach a thogail ri linn crìonadh a' chladaich agus tuiltean.
Dhiùlt a' bhuidheann Coimhearsnachdan airson na Cùile, a tha air cùlaibh a' phlana airson an raoin ùr air Machaire na Cùile, faisg air Èurabol, beachd bhon bhuidhinn iomairt 'Not Coul', a tha a' cur na aghaidh, gum faodadh pàirt den raon tuiteam dhan mhuir ann an ùine nach bi fada.
Rinn stoirmean a' Gheamhraidh droch mhilleadh air raon-goilf ann an Goillspidh, le cosgais mhòr an lùib a bhith ga chàradh.
Tha plana ann raon ùr 18 tuill a stèidheachadh air Machaire na Cùile - plana a th' air connspaid mhòr adhbharachadh san sgìre.
Thuirt a' bhuidheann 'Not Coul' gu bheil fearann timcheall air an 17mh fairway agus an 18mh tee cùil neo-shàbhailte.
Thuirt an luchd-leasachaidh ge-tà, nach eil dearbhadh sam bith air cùl a' bheachd.
Tha iad ag ràdh gu bheil measadh buaidh àrainneachdail a chaidh a chur gu Comhairle na Gàidhealtachd a' sealltainn nach eil fianais sam bith ann gu bheil stoirmean a' toirt buaidh sam bith air an làraich.
Ged a tha 10 stoirmean ainmichte air a bhith ann eadar an t-Sultain an-uiridh agus am Faoilleach am-bliadhna, 's ged a rinn sin milleadh beag air iomall a' mhachaire, tha cùisean seasmhach san fharsainneachd, a rèir na buidhne.
Chaidh co-dhùnadh Comhairle na Gàidhealtachd cead a thoirt don phlana a ghairm a-steach le Riaghaltas na h-Alba, a nì an co-dhùnadh deireannach co-dhiù thèid an raon-goilf ùr air adhart.