Seachdain mhòr san amharc aig Blas

- Air fhoillseachadh
Tòisichidh fèis Blas 2025 Dihaoine is còrr is 200 luchd-ciùil gus nochdadh air àrd-ùrlaran air feadh na Gàidhealtachd anns na làithean ri thighinn.
'S e an 21mh turas a tha an fhèis air a bhith ann is Julie Fowlis, Donnchadh Siosalach, Norrie MacÌomhair, Dàimh is Flook am measg na th' air a' chlàr am-bliadhna.
Thig gnothaichean gu ceann aig Eden Court air an 13mh is Art MacCarmaig is na balaich aige Ruairidh is Iain a' seinn còmhla ri Jenna Chuimeanach is Ruairidh Gray.
Ach a thuilleadh air sin, bidh farsaingeachd de dhaoine òga cuideachd a' cluich aig an fhèis.

Nam measg tha Còisir Makaton Aon Ghuth, a nochd air an àrd-ùrlar airson a' chiad uair aig Mòd an Òbain an-uiridh.
"Bidh còrr is 200 neach-ciùil mar phàirt den fhèis agus 80 dhiubh sin, 's e clann a bhios annta", thuirt Àrd-oifigear Fèisean nan Gàidheal, Calum Ailig MacMhaoilein.
"Tha sin mar phàirt chudromach den fhèis - tha e cudromach dhuinn aig Fèisean nan Gàidheal - gum bi òigridh nam Fèisean a' faighinn a' chothroim a bhith a' nochdadh air an àrd-urlar còmhla ris na sàr luchd-ciùil a th' againn mar phàirt den phrògram".
Tha Calum Ailig ag ràdh cuideachd gu bheil bunaiteach do Bhlas diofar choimhearsnachdan a ruighinn tron fhèis.

Tha sin a' tighinn tarsainn sa phrògram, tha e ag ràdh.
"'S e aon de na rudan as luachmhor mun fhèis gu bheil cothrom againn a dhol a-mach dha na coimhearsnachdan.
"Tha daoine a' faighinn cothrom a bhith ag èisteachd ri sàr luchd-ciùil traidiseanta is seinneadairean a' tighinn dha na tallaichean aca fhèin.
"Ma choimheadas tu air a' mhapa a th' againn am-bliadhna, tha sinn a' faighinn gu coimhearsnachdan bho cheann a deas gu ceann a tuath is bhon ear gu 'n iar den Ghàidhealtachd is tha sinn cho toilichte gu bheil e comasach dhuinn sin a dhèanamh".
Gheibhear prògram slàn Blas an seo, taobh a-muigh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh21 An Cèitean 2025

- Air fhoillseachadh1 An Gearran 2024