Cuirmean-ciùil airson seachdain mhothachaidh Down's Syndrome

Esther agus Iseabail Strachan
- Air fhoillseachadh
Thèid cuirmean ciùil sònraichte a chumail anns an Eilean Sgitheanach airson Seachdain Mhothachaidh Down’s Syndrome a chomharrachadh.
Chuir Ester agus Iseabail Strachan na cuirmean air dòigh, agus tha iad a’ coimhead air adhart ri bhith a' cluiche còmhla le cluicheadair bocsa Mànas Turpie à Dùn Èideann.
Tha iad cuideachd gu bhith a’ cluich aig Bun-Sgoiltean Phort Rìgh, an Ath Leathainn agus Chaol Àcainn tron t-seachdain.
Tha Ester agus Iseabail air a bhith a’ cluiche còmhla airson iomadach bliadhna, agus ann an 2020, chuir iad a’ chiad chuirm aca ri chèile airson Là Mothachaidh Down’s Syndrome. Tha iad an dòchas gum bi an ceòl aca a’ togail aire dhaoine gu Feumalachdan Sònraichte.
Thuirt Iseabail Strachan: "Tha sinn airson gum bi daoine nach eil eòlach air daoine le Down’s Syndrome mar Ester agus Mànas – a’ tuigsinn gu bheil e comasach do dhaoine le Down’s Syndrome rud sam bith a thogras iad a dhèanamh, mar a nì a h-uile duine eile.
"Gun tèid aca air ceòl a chluich, a bhith nam pàirt àbhaisteach den choimhearsnachd agus comasach air obair saor-thoileach a dhèanamh.
"Tha sinn dòchasach gum biodh barrachd chothroman ann cuideachd airson daoine mar Ester is Mànas."
Cead do stuth X?
Tha stuth bho X an lùib an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid dad a luchdachadh, thoireadh ‘s dòcha gun cleachd iad briosgaidean agus teicneòlas eile. Faodaidh tu na poileasaidhean aig X mu bhriosgaidean a leughadh, taobh a-muigh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus gabh thu ris. Airson coimhead air an stuth seo buail air ‘gabh ris agus lean air adhart’.
Am-bliadhna, tha Ester air cothrom fhaighinn pàirt a ghabhail ann an Cèilidh Trail In-Ghabhaltach aig Fèis Rois, agus tha i a' coimhead air adhart ri bhith a’ dol air chuairt as t-Samhradh.
Thuirt i: "Tha mi a' coimhead air adhart ri bhith a' dol air an turas gu mòr.
"Is toil leam a bhith a' cluiche ciùil anns an Eaglais agus aig a' Chluba Folk ionadail, agus seo a-nis cothrom ùr airson a bhith a' cluiche do dhaoine ann an sgìrean èile."
Tha i a’ coimhead air adhart gu h-àraidh ri bhith a' dol air ais gu Àrd-Sgoil Phort Rìgh, agus a' cluiche dha na sgoilearan far an deach i fhèin dhan sgoil.
Tha na cuirmean a’ faighinn taic-airgid bho Thasgadh, agus bhon buidhinn "Don’t Screen Us Out", a tha ag amas air cothroman co-ionnan a thoirt do dhaoine le Down’s Syndrome.