Còmhlan-Pìoba Sgìre Inbhir Aora am fear as fheàrr san t-saoghal

Còmhlan Pìoba Sgìre Inbhir AoraTùs an deilbh, SNS
  • Air fhoillseachadh

'S iad Còmhlan-Pìoba Sgìre Inbhir Aora a bhuannaich Co-fharpais Chòmhlan Pìoba na Cruinne airson an dàrna bliadhna ann an sreath.

'S e an ceathramh turas a rinn na pìobairean à Earra-Ghàidheal a' chùis.

Glèidh iad an tiotal ann an 2017 agus 2019.

Fo-thiotal,

Bhuannaich iad an dèidh dà latha de dh'fharpais ann an Lèanaidh Ghlaschu sa robh còrr air 200 còmhlan an sàs le pìobairean à 15 dùthaich, Astràilia, Oman agus Zimbabwe nam measg.

'S iad an Còmhlan Pìoba Field Marshal Montgomery à Èirinn a Tuath a chrìochnaich san dàrna àite agus bha Còmhlan Pìoba Shiorrachd Lannraig a Tuath, Shotts & Dykehead Caledonia a bha san treas àite.

Bha còrr air 35,000 duine aig tachartas na bliadhna-sa.