Iarrtas 'son piseach air an t-seirbheis eadar Steòrnabhagh is Inbhir Nis

PlèanaTùs an deilbh, Loganair
  • Air fhoillseachadh

Nochd iarrtas bho Chathraiche Còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar gun tig piseach air an t-seirbheis adhair eadar Steòrnabhagh agus Inbhir Nis.

Tha Ùisdean Robasdan ag ràdh gu bheil draghan gan togail mun chlàr-àma is nach eil e a' ceangal ri trèanaichean agus an t-seirbheis adhair eadar Beinn na Faoghla is Steòrnabhagh.

Thuirt e gu bheil àireamhan luchd-siubhail air an t-slighe air a bhith "lag" sna bliadhnaichean mu dheireadh.

Chaidh dragh a thogail o chionn ghoirid gu bheil Loganair am beachd stad a chur air an t-seirbheis.

Chaidh a' chompanaidh adhair as àicheadh gu bheil iad a' beachdachadh air sguir den t-seirbheis.

"Tha an t-seirbheis air a bhith gu math cudromach do dhaoine a' dol dhan ospadal an Inbhir Nis agus do dhaoine a tha ag obair sa Chuan a Tuath", thuirt an comh Robasdan.

"Ach tha duilgheadasan siubhail air a bhith aig cuid ge-tà.

"Aig an àm seo tha e nas fhasa do dh'fheadhainn a dhol a Ghlaschu agus an uairsin a dhol suas a dh'Obar Dheathain.

"Bha coinneamh againn le Loganair o chionn beagan sheachdainean agus bha iadsan ag ràdh, fhad 's nach biodh iad a' call airgid gun cumadh iad an t-seirbheis a dol.

"Ach tha draghan ann mun chlàr-àma gu h-àraid, nach eil e a' ceangal ri trèanaichean agus cuideachd tha dragh air daoine nach eil e a' ceangal ris an t-seirbheis eadar Beinn nam Faoghla agus Steòrnabhagh airson daoine a bhiodh a' siubhal dhan ospadal ann an Inbhir Nis.

"An rud a tha a dhìth air daoine a tha a' siubhal eadar na h-Eileanan agus Inbhir Nis gum biodh seirbheis nas fheàrr ann, agus gum biodh an clàr-àma nas fheàrr is nas freagarraiche do dhaoine a tha a' siubhal.

Sin an rud a dh'iarramaid fhaicinn," thuirt e.