Ospadal Phort Rìgh: 'Cuiribh an t-arm an sàs'

Ospadal Phort RìghTùs an deilbh, RICHARD DORRELL/GEOGRAPH
  • Air fhoillseachadh

Thuirt comhairliche Sgitheanach gum bu chòir an t-arm a chur an sàs sa gheàrr-ùine gus an tèid seirbheisean cùram cabhagach 24/7 a stèidheachadh às ùr aig Ospadal Phort Rìgh.

Sgrìobh an Comhairliche Tòraidheach Ruairidh Stiùbhart, gu Rùnaire na Slàinte, Neil Gray, ag iarraidh air taic an airm a shireadh bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a dhèanamh cinnteach gum biodh a' choimhearsnachd sàbhailte.

Chuir a' bhuidheann iomairt ionadail Skye SOS-NHS taic ris an iarrtas.

Tha seo an dèidh mar a bhàsaich boireannach aig fèis-chiùil Skye Live na bu thràithe den mhìos, 's a thàinig seoc anaphylactic air tèile an aon oidhche, fhad 's a bha an t-ospadal dùinte.

"Tha a' choimhearsnachd an seo an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich air ìre bhrisidh a ruighinn," thuirt an Comh. Stiùbhart.

"Tha iad air a bhith ag iomairt le deagh rùn le NHS na Gàidhealtachd, agus le pròiseas Sir Lewis Ritchie a stèidheachadh sheirbheisean critigeach 's cabhagach seachd là san t-seachdain an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich.

"Tha am pròiseas seo air a bhith a' leantainn grunn bhliadhnaichean a-niste, 's tha na molaidhean air a bhith aig NHS na Gàidhealtachd airson sia bliadhna a-niste.

Cunnart

"Tha cion cùraim le cabhaig 24/7 an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich na chunnart nach beag do shlàinte is maith mhuinntir na sgìre agus nam mìltean dhaoine a thig a thadhal air ar n-eilean a h-uile bliadhna.

"Tha mi a' cur fàilte air mar a tha iad a' cur plana air adhart, 's tha mi an dòchas gun tig sin gu buil.

"Ach chunnaic sinn seo roimhe, far an robh coimhearsnachdan air am fàgail gun fhuasgladh fada ro fhada.

"Saoilidh mi nach e fuasgladh deireannach a tha seo, ach gur e fuasgladh sa gheàrr-ùine a th' ann a dhèanamh cinnteach gum faighear an cùram a tha sin nuair a tha feum air," thuirt e.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil iad a' gealltainn molaidhean Sir Lewis Ritchie air fad a chur an gnìomh agus gun cuir iad plana airson cùram cabhagach a stèidheachadh às ùr aig Ospadal Phort Rìgh air beulaibh Riaghaltas na h-Alba ro dheireadh na seachdain seo.

Thuirt iad cuideachd gu bheil cùram èiginneach fhathast ri fhaighinn tro Ospadal an Àth Leathainn, 's gum faighear sin le bhith a' cur fòn gu 999.

Chaidh beachd iarraidh air Riaghaltas na h-Alba.

Tuilleadh air an sgeulachd seo