Naidheachdan 11:00m
Naidheachdan 11:00m
- Air fhoillseachadh
Dùghlas Ros
Dh'innis Dùghlas Ros dhan BhBC nach deach iarraidh air a dhreuchd fhàgail mar cheannard air na Tòraidhean ann an Alba. Thuirt Mgr Ros gun do dh'èist e ri beachdan gum bu chòir an ceannard a bhith stèidhichte aig Holyrood. Bha e a' bruidhinn an dèidh innse gum fàg e an dreuchd mar cheannard an dèidh an taghaidh ri linn dragh anns a' phàrtaidh mu Mhgr Ros a bhith a' dol an àite David Duguid mar thagraiche san ear-thuath.
An Taghadh Coitcheann
Geallaidh manifesto nan Tòraidhean an-diugh dà sgillinn eile a ghearradh far àrachais nàiseanta. Bidh an SNP a-mach air cùisean eaconamaiceach agus na Làbaraich air trioblaidean ann am fiaclaireachd an NHS. Bidh na Liberalaich Dheamocratach a' bruidhinn air fòrladh do phàrantan agus am Pàrtaidh Uaine air còraichean daonna nas fheàrr do luchd-siridh-comraich agus fògarraich.
Baileat stailce Unite
Tha baileat airson stailc aig mu 300 de luchd-obrach tèarrainteachd aig puirt-adhair Ghlaschu agus Obair Dheathan a tha mì-thoilichte le am pàigheadh. Thuirt an t-aonadh, Unite, gun dùin am baileat aig deireadh an Iuchair agus gum faodadh stailc buaidh a thoirt air an àm as trainge air an t-samhradh.
Figearan cion-cosnaidh
Bha àrdachadh 0.4% ann an àireamh a' chion chosnaidh ann an Alba eadar an Gearran agus an Giblean, gu 4.7%. Tha sin os cionn na h-ìre airson na Rioghachd Aonaichte gu lèir aig 4.4%. Sin an ìre as motha ann an dà bhliadhna gu leth.
Seirbheis aiseig Uibhist a Tuath
Dh'aontaich a' mhòr-chuid aig coinneimh a chum Comhairle Coimhearsnachd Uibhist a Tuath a-raoir nach b' uilear tri seòlaidhean gach latha nuair a thòisicheas bàta-aiseig ur eadar Loch nam Madadh agus Ùige agus gur e seirbheis airson bathair a-mhàin a bu chòir a bhith ann an aonan dhiubh sin. Bha a' choinneamh, aig an robh mu 20 duine, a' beachdachadh air dè seòrsa clàr-ama a fhreagradh orra. Bidh coinneamh eile aca mun chùis a dh'aithghearr.