Naidheachdan 11:00m
Naidheachdan 11:00m
- Air fhoillseachadh
Rosebank
Tha tagradh laghail a' tòiseachadh aig Cùirt an t-Seisein ann an Dùn Èideann an aghaidh cead do leasachadh raon-ola Rosebank sa Chuan a Tuath. Dh'iarr na buidhnean-iomairt Greenpeace agus Uplift ath-thagradh mu leasachadh Rosefield agus raon gas Jackdaw. Tha iad a' cumail a-mach nach tug an co-dhùnadh for dhan bhuaidh air an àrainneachd, agus, ma shoirbhicheas leotha, thig air na companaidhean measadh às ùr a dhèanamh air dè a' bhuaidh a bheireadh tolladh air an àrainneachd.
Stephen Flynn
Thuirt ceannard an SNP ann an Westminster, Stephen Flynn, gu bheil e an dùil seasamh ann an taghaidhean Holyrood ann an 2026. Chaidh Mgr Flynn a thaghadh a-rithist mar bhall Obar Dheathain a Deas san taghadh choitcheann san Iuchar. Thuirt e nan deigheadh a thaghadh gu Pàrlamaid na h-Alba gum biodh e airson fuireach ann an Westminster gus am bi an ath thaghadh coitcheann ann, ris a bheil dùil ann an 2029, ach nach biodh e a' tarraing dà thuarasdal.
Cùis-lagha mu mhurt san Eilean Sgitheanach
Tha dùil ri fear san Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann an-diugh fo chasaid mu mhuirt san Eilean Sgitheanach san Lùnasdal a' bhòn-uiridh. Tha Fionnlagh Dòmhnallach, 40, fo chasaid gun do mhuirt e a bhràthair-cèile, John MacFhionghain, a bha 47, ann an Teanga ann an sgìre Shlèite. Tha e fo chasaid cuideachd gun do dh'fheuch e ri a bhean, Rowena NicDhòmhnaill, a mhurt ann an Tarsgabhaig agus gun do dh'fheuch e ri dithis eile a mhurt san Dòrnaidh air tìr-mòr. Tha e a' dol às àicheadh nan casaidean uile.
Daoine a' cosnadh
Bha àrdachadh 0.3% san àireimh dhaoine ann an cosnadh ann an Alba sna trì mìosan dhan t-Sultain. Dh'innis Oifis nan Staitistig Nàiseanta gun robh 73.7% den t-sluagh eadar 16 bliadhna de dh'aois agus 64 ann an obair.
Taic gu bàs
Thuirt am Prìomhaire, Sir Keir Starmer, nach bi cuideam taobh seach taobh air buill-phàrlamaid Làbarach nuair a bhios deasbad agus bhòt ann an Taigh nan Cumantan air a' bhile airson cuideachadh gu bàs. Bheireadh am bile, nach buin ach do Shasainn agus a' Chuimrigh, cead do dh'fheadhainn air a bheil tinneas bàis drugaichean a ghabhail airson am beatha a thoirt gu crìch. Tha feadhainn den bheachd nach cur am bile dìon air daoine air an tig ìmpidh an leithid a dhèanamh an aghaidh an toil. Tha bile den aon sheòrsa a' dol tro Phàrlamaid na h-Alba an-dràsta.
4G an Uibhist a Deas
Chaidh a' chiad chrann a chuir companaidhean fòn-làimhe air bhonn eadar iad a thionndadh air ann an Uibhist a Deas. Chaidh airgead poblach a chur ris a' phròiseact a tha na phairt den sgeama ag amas air seirbheisean 4G a sgaoileadh air feadh na mòr-chuid den Rìoghachd Aonaichte ro dheireadh na h-ath-bhliadhna.