40 bliadhna chun an là seo fhèin on thòisich Radio nan Gàidheal a' craoladh

Flòraidh NicIlleathain agus Iain MacIlleathain
Fo-thiotal an deilbh,

Bha ùidh mhòr aig an luchd-èisteachd sa phrògram a rinn Flòraidh NicIlleathain agus Iain MacIlleathain

  • Air fhoillseachadh

Bithear ag ath-chraoladh 40 prògram bho aon de na sreathan a bu mhotha a chòrd ri luchd-èisteachd Radio nan Gàidheal agus an stèisean a' comharrachadh 40 bliadhna on chaidh a stèidheachadh.

Chaidh Facal Oirbh a lìbhrigeadh le Iain MacIllEathain nach maireann agus Flòraidh NicIllEathain nach maireann, agus bha gach prògram a' rannsachadh briathrachais, sean-fhacail, ghnàthasan-cainnt agus chleachdaidhean.

Tha Annella NicLeòid, a' chiad riochdaire aig Iain is Flòraidh, a' cuimhneachadh le blàths air a bhith ag obair còmhla riutha.

"Bha e a' còrdadh cho mòr ris an triùir againn a bhith an sàs sa phrògram - ga chlàradh às dèidh ar là obrach gach oidhche Dhiardaoin agus gun chabhaig sam bith air duine faighinn dhachaigh.

"Bha Iain gu h-àraid a' cur seachad nan uairean a thìde air a' fòn gach Disathairne nuair a dh'fhònadh cuideigin eile às an èisteachd le facal neo dhà eile."

Thèid na 40 prògraman fhoillseachadh mar phodcastan Diciadain.

Chaidh ceann-bliadhna BBC Radio nan Gàidheal cuideachd a chur mu choinneimh Pàrlamaid na h-Alba.

Tha BPA Nàiseantach na Gàidhealtachd is nan Eilean, Emma Roddick, air gluasad a chur air adhart.

Tha e a' moladh mar a tha an t-seirbheis air fàs thar nam bliadhnaichean agus a' guidhe gach soirbheachais dhi airson an ama ri teachd.

Leughar an gluasad air fad an seo, taobh a-muigh.