Comhairle nam Pàrant nas dòchasaiche mu staid Sgoil Bhàgh a' Chaisteil

Dampachd is clòimh-liath am broinn Sgoil Bhàgh a' Chaisteil
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh gearainnean a nochdadh roimhe mu staid an togalaich

  • Air fhoillseachadh

Thuirt Comhairle nam Pàrant ann am Barraigh gu bheil iad nas dòchasaiche an dèidh coinneimh le comhairlichean mu staid Sgoil Bhàgh a' Chaisteil.

Chaidh a ràdh a-rithist aig a' choinneimh oidhche Chiadain gu bheil staid na sgoile "uabhasach".

'S e Comhairle nam Pàrant a chuir a' choinneamh air dòigh is comhairlichean na sgìre an làthair, agus ceannard an fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar, Dòmhnall MacLeòid.

Thuirt Marion NicNèill bho Chomhairle nam Pàrant às dèidh làimh gun robh i a' faireachainn nas dòchasaiche a-nis.

"Tha staid na sgoile truagh. Uisge a' tighinn a-steach, tuill anns na mullaichean, chan eil na teasadairean ag obair ceart, clòimh-liath anns na preasachan agus ballachan," thuirt i.

"Chan eil cùisean math idir.

Ceangal-dealain air a chòmhdachadh ann am pocaid phlastaig

"Tha an dà chuid a' Chomhairle agus Riaghaltas na h-Alba air gealltainn sgoil ùr a thogail.

"Tha mòran dàil air a bhith ann, ach tha coltas gu bheil sin a' dol air adhart.

"Tha tòrr ri dhèanamh fhathast, ach tha sinn dòchasach.

"Feumaidh a' choimhearsnachd a bhith mar phàirt den phròiseas.

"Tha seo air a bhith a dhìth, ach tha a' Chomhairle a' cur plana conaltraidh nas fheàrr an sàs," thuirt i.

Chaidh gearainnean a nochdadh roimhe mun togalach a bhith a' leigeil uisge a-steach, dampachd agus clòimh-liath na bhroinn, sgoilearan air an ragadh leis an fhuachd agus fiù 's plugaichean-dealain air an còmhdachadh le pocaidean plastaig.

Cha ghabh am post X seo a shealltainn air a’ bhrabhsair agaibh. Ceadaichibh Javascript no feuchaibh brabhsair eile.Faicibh stuth tùsail air X
Chan eil am BBC an urra ris na tha a' nochdadh air làraichean-lìn air an taobh a-muigh
Leum thairis air X teachdaireachd le Donald Macleod

Cead do stuth X?

Tha stuth bho X an lùib an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid dad a luchdachadh, thoireadh ‘s dòcha gun cleachd iad briosgaidean agus teicneòlas eile. Faodaidh tu na poileasaidhean aig X mu bhriosgaidean a leughadh, taobh a-muigh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus gabh thu ris. Airson coimhead air an stuth seo buail air ‘gabh ris agus lean air adhart’.

Chan eil am BBC an urra ris na tha a' nochdadh air làraichean-lìn air an taobh a-muigh
Deireadh X teachdaireachd le Donald Macleod

Thuirt BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, air a' mhìos a chaidh gur e "suidheachadh èiginneach" a th' anns an sgoil a-niste.

"Tha fhios aig a h-uile duine ann am Barraigh nach eil an togalach far a bheil an sgoil ann am Bàgh a' Chaisteil mar a bu chòir idir idir," thuirt e.

"Tha an t-uisge a' tighinn a-steach tro mhullach an togalaich, tha iomadach rud ceàrr leis an togalach.

"'S e suidheachadh èiginneach a th' ann a-nis agus tha feum ann airson sgoile ùire."

Thuirt ceannard foghlaim na Comhairle, Dòmhnall MacLeòid, ann an teachdaireachd air an làrach-sòisealta X às dèidh na coinneimh gun robh còmhradh math aca ann an suidheachadh doirbh agus gun robh a h-uile duine a' feuchainn ri obrachadh còmhla airson sgoil ùr fhaighinn do Bharraigh.