145 lotaichean ùra san amharc an Inbhir Nis

Ìomhaigh neach-dealain air cò bhiodh na lotan coltachTùs an deilbh, CNOC NAN GIALL EARRANTA
  • Air fhoillseachadh

Tha buidheann carthannais a' sireadh cead-dealbhachaidh airson 145 lotaichean a chruthachadh air talamh air iomall Inbhir Nis.

Tha Cnoc nan Giall Earranta an ìmpis smachd a ghabhail air mu 29 acair de dh'fhearann ann an tuath tharbh aig Riaghaltas na h-Alba sa bheil 326 acair an ceann a deas a' bhaile.

Bidh na tairbh a thathas a' cumail ann air an cur a-mach air màl do chroitearan air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean Siar.

Tha Cnoc nan Giall Earranta cuideachd airson àite-cruinneachaidh a chruthachadh dhan choimhearsnachd cho math ri raon-parcaidh, slighean-coiseachd agus achadh sa bheil luibhean dùthchasach.

Tha an carthannas, a fhuair taic bho Stòras Fearainn na h-Alba gus an talamh a cheannach, air iarrtas planaidh a chur gu Comhairle na Gàidhealtachd.

Thòisich sgeama nan tarbh-ginidh aig Cnoc nan Giall ann an linn Bhictoria.

Rinneadh tagradh coimhearsnachd airson pìos talmhainn air a bheil Smiddy Field an toiseach ann an 2025 agus measadh ann nach robh feum air a shon tuilleadh.

Bha draghan air cuid gun deadh am fearann a chleachdadh airson taigheadais agus gun cailleadh a' choimhearsnachd buannachd às.