Mì-thoileachas mun taigh a tha Stella McCartney 'son a thogail ann an Loch Abar

Dealbh den taigh a th' anns an amharc aig Stella McCartneyTùs an deilbh, BROWN AND BROWN
Fo-thiotal an deilbh,

Dreach den taigh san amharc aig Stella McCartney ann an sgìre Loch Ailleirt

  • Air fhoillseachadh

Chaidh còrr air 50 gearan a chur gu Comhairle na Gàidhealtachd mu phlanaichean Stella McCartney agus an duine aice, Alasdhair Willis, taigh ùr-nòsach a thogail air taobh siar na Gàidhealtachd.

Tha iad a' sireadh cead airson taigh ùir ann an sgìre Loch Ailleirt fo ainm Mhgr Willis.

Thuirt a' chompanaidh ailtireachd Brown and Brown, a dhealbh an taigh, gum biodh e a' freagairt air an àrainneachd mun cuairt.

Am measg an stuth a bhiodh air a chleachdadh air a shon tha creag Albannach ann an garbh-chruth agus iarrainn òcair coltach ri dathan na tìre.

Bhiodh am mullach air a chòmhdach le feur agus fraoch.

Cha bhiodh gàradh foirmeil ann agus dh'fhàgadh am fearann timcheall air an taigh mar a tha e.

Ach tha draghan air cuid mu na planaichean a chìthear air làrach-lìn Comhairle na Gàidhealtachd.

Am measg nan gearanan a nochd tha dreach an togalaich, mar a bheireadh e buaidh air an àrainneachd agus draghan mu chòirichean a' phobaill a bhith a' faighinn dhan rubha far am biodh an taigh.

Chaidh beachd iarraidh bho Stella McCartney tron làraich-lìn aice.