Chaidh binn prìosain air deugaire airson draibhear bus a mharbhadh

Bhàsaich Keith Rollinson an dèidh mar a thugadh ionnsaigh air
- Air fhoillseachadh
Chaidh balach, 16, a dh'aidich gun do mharbh e draibhear bus ann an Eilginn a chur dhan phrìosan airson ceithir bliadhna agus ceithir mìosan.
Bhàsaich Keith Rollinson, a bha 58 bliadhna de dh'aois, san ospadal an dèidh na h-ionnsaigh aig an stèisean-bus sa bhaile sa Ghearran am-bliadhna.
Chuala cùirt roimhe gun do thachair an ionnsaigh an dèidh do Mhgr Rollinson innse dhan bhlach, nach gabh ainmeachadh air sgàth aois, nach b' urrainn dha siubhal air a' bhus leis gun robh e air mhisg.
Chaidh a ràdh gun "do chaill am balach smachd air fhèin" agus gun tug e ionnsaigh air an draibhear, a' toirt dòrn dha uair is uair agus ga bhualadh mun cheann le a cheann fhèin.
Chaidh casaid muirt air an deugaire an toiseach ach dh'aidich e ri casaid marbhadh le coire.
Aig an Àrd-Chùirt ann an Inbhir Nis an-diugh, thuirt a' Bhana-Mhorair Hood ris nach robh dol às aice ach a chur dhan phrìosan.
Bhiodh i air binn prìosain nas fhaide a chur air, thuirt i, mura b' e gun do dh'aidich e a chiont cho luath agus a b' urrainn, ach nach tigeadh binn sam bith a rèir call teaghlach Mhgr Rollinson.
Chuala an Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann roimhe gun do thuit Mgr Rollinson gu làr agus gun deach e gun mhothachadh an dèidh na h-ionnsaigh. Cha do dhùisg e a-rithist.
Chaidh aithris dha na poilis roimhe mu ionnsaigh eile a thug am balach air draibhear bus eile. Bha òrdugh aireachais airson na h-eucoir sin air tighinn gu ceann trì seachdainean mus tug e an ionnsaigh mhairbhteach air Mgr Rollinson.

Chuir na thachair uabhas air a' choimhearsnachd
Bha an deugaire air a bhith còmhla ri buidheann de dh'òganaich a bh' air a bhith ag òl an oidhche a thugadh an ionnsaigh.
Bha am balach agus fear eile air a dhol dhan stèisean-bus airson faighinn dhachaigh air a' bhus mu dheireadh.
Bha Mgr Rollinson air a ràdh ris nach b' urrainn dha siubhal air a' bhus leis gu robh cus deoch air, agus chuir sin fearg e.
Dh'iarr Mgr Rollinson air co-obraiche a chuideachadh leis an t-suidheachadh.
Nuair a thill iad, chrath am balach am fòn aige ann an aodann Mhgr Rollinson, agus rug an draibhear air an fòn.
Thòisich an dithis ri strì ri chèile agus bhuail am balach an draibhear le a cheann.
Chuala a' chùirt gun do chaill am balach smachd air fhèin agus gun tug e dòrn do cheann is bodhaig Mghr Rollinson uair is uair mus deach a tharraing air falbh le òganach eile.
Dh'fheuch Mgr Rollinson ri faighinn air falbh bhuaithe, agus chuala a' chùirt gun robh coltas air gun robh e ceart gu leòr.
Ge-tà, an dèidh dha cromadh airson a bhonaid a thogail, thuit e gu làr agus chaidh e gun mhothachadh.
Chuala a' chuirt gun cuala draibhear tagsaidh am balach a' bruidhinn mun ionnsaigh nuair a bha e ga thoirt dhachaigh. Dh'fhòn am balach an dèidh làimh gu fear de na caraidean aige, agus e a' gal is troimhe-chèile agus ag ràdh gun do bhuail e an draibhear agus nach robh e a' dùsgadh.
An dèidh mar a chuir iad an greim e thuirt na poilis nach robh coltas air a' ghille gun robh e a' tuigsinn cho dona agus a bha an suidheachadh.
Bha e ag ràdh gur ann ga dhìon fhèin a bha e agus "gun do rinn e ùrnaigh ri Dia gum biodh an duine a bhàsaich ceart gu leòr".
Fhuair rannsachadh bàis air Mgr Rollinson gun robh tinneas cridhe gu math dona air agus gun robh e ann an cunnart gun tigeadh greim-cridhe air aig àm sam bith.
'Cèile agus athar gràdhach'
Nuair a bhàsaich Mgr Rollinson thuirt a theaghlach: "Chaidh an cèile agus athair as gràdhaich agus as dìlse a thoirt bhuain.
"Tha ar saoghal briste - chan urrainn dhuinn fhaicinn mar a gheibh sinn seachad air a' chall."
Thuirt Stagecoach Alba a Tuath gun robh iad cho duilich mu bhàs aon de na draibhearan aca.
Tha an t-aonadh Unite air iarraidh gum bi dìon nas fheàrr ann do dhraibhearan bus.
Dh'fhoillsich iad buil sgrùdaidh a rinn iad am measg còrr air 1,000 draibhear bus an Alba an t-seachdain a chaidh.
Thuirt Unite gun robh 99% ag iarraidh laghan nas cruaidhe airson draibhearan bus a a dhìon, agus gun tuirt 84% gun tàinig àrdachadh air an àireamh chùisean de dhroch-dhìol sna 12 mìosan mu dheireadh.
Thuirt an t-Àrd Inspeactair Mike MacCoinnich, commandair sgìreil do Mhoireibh aig Poileas Alba: "On bhàsaich Keith Rollinson tha sinn air a bhith ag obair gu dlùth le buidhnean eile airson dèiligeadh ri na tha de mhì-rian am measg òigridh ann an Eilginn, gu h-àraidh mun stèisean-bus.
"Leanaidh an obair seo agus tha sinn gu mòr airson a bhith a' co-obrachadh le buidhnean eile airson stad a chur air dol a-mach mì-shòisealta."