38 caora air am marbhadh le coin Husky

- Air fhoillseachadh
Chaidh 38 caora, luach £9,000 a mharbhadh le trì choin husky air a' Ghàidhealtachd.
Thachair an ionnsaigh san t-Sultain 2022.
Chuala Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis gun robh na coin air fhaighinn mu sgaoil nuair a chaidh geata fhàgail fosgailte aig taigh ann Ceann a' Ghiuthsaich.
Bha mu 70 caora ann an achadh air cùlaibh Lànaig na Margaidh sa bhaile.
Cha mhòr nach robh iad deiseil airson a dhol gu fèill-sprèidh nuair a chaidh ionnsaigh a thoirt orra le na coin.
A bharrachd air a bhith a' marbhadh 38 caora, theich na coin às dèidh feadhainn eile, gan ruaigeadh a-steach a dh'abhainn faisg air làimh.
Dh'aidich Iain Craig, 57, nach do chùm e na coin aige fo smachd.
Airgead-dìolaidh
Seo an dàrna turas a chaidh Craig a dhìteadh airson a leithid 's bha e air àite nas tearainte a chur air dòigh dha na coin às dèidh a chiad turas a bhith sa chùirt.
Chaidh càin faisg air £900 a chur air an turas seo, agus tha e a' toirt airgid-dhìolaidh dhan tuathanach airson nan caorach a chaidh a mharbhadh aig £400 sa mhìos.
Gu ruige seo tha e air £6,400 a thoirt seachad.
Chaidh na coin a thoirt bhuaithe.