Corp air a lorg an Gleann Seile

Richard DawsonTùs an deilbh, POILEAS ALBA
Fo-thiotal an deilbh,

Cha do thill Richard Dawson bho chuairt am beanntan Chinn t-Sàile

  • Air fhoillseachadh

Lorg luchd-teasairginn a th' air a bhith a' sireadh fireannaich a chaidh a dhìth sna beanntan tuath air Gleann Seile corp.

Cha deach ainmeachadh gu h-oifigeil fhathast, ach chaidh fios a chur air teaghlach Richard Dawson, 61, a th' air a bhith a dhìth san sgìre bhon 26mh den Iuchar.

Chaidh an corp a lorg ann an sgìre fo bhearradh na Beinne Mòire mu 4:00f Diluain.

Thuirt na Poilis nach eil coltas amharsach sam bith air a' chùis, agus gun tèid aithisg a thoirt do Neach-Casaid a' Chrùin.

Gleann SeileTùs an deilbh, Google
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh corp a lorg sa sgìre Diluain

Bha Mgr Dawson air àite-fuirich a chur air dòigh sa sgìre ach cha do nochd e.

Thuirt na Poilis gun deach an càr aige a lorg an Gleann Seile.

Bha heileacoptair nam Maor-Cladaich agus Sgioba Teasairginn bheanntan Chinn t-Sàile an sàs san iomairt agus a lorg an corp 's a thug às e.