Òraidichean air stailc

UHI Inbhir NisTùs an deilbh, VALENTA/GROGRAPH
  • Air fhoillseachadh

Tha cuid de dh'òraidichean air stailc aig colaistean agus oilthighean air feadh na h-Alba Diardaoin ann an eas-aonta mu phàigheadh.

Tha luchd-obrach bho Cholaiste UHI an Inbhir Nis agus UHI nan Eilean Siar am measg na tha air stailc.

Tha aonadh an EIS ag ràdh gun robh còir aig òraidichean àrdachadh fhaighinn sa phàigheadh aca san t-Sultain 2022, rud nach do thachair.

Bhon uair sin tha iad air a bhith ann an deasbad le luchd-fastaidh cholaistean na h-Alba mun chùis, agus chaidh àrdachadh £5,000 a thabhainn air òraidichean thairis air trì bliadhna.

Dheadh sin bhriseadh eadar £2,000 am-bliadhna, agus £1,500 an ath-bhliadhna agus a' bhliadhna an dèidh sin.

Ach tha EIS FELA (Further Education Lecturers Association) air a ràdh gu bheil na bhios aca an ath-bhliadhna agus san treas bliadhna fon mholadh sin nas lugha na an ìre a th' air a thabhainn mar phàirt de phoileasaidh pàighidh na roinne poblaich.

Tha iad ag ràdh nach bu chòir dèiligeadh ris na buill aca gu h-eadar-dhealaichte seach mar a dhèiligear ri luchd-obrach eile san roinn phoblaich, 's gu bheil iad ag iarraidh pàighidh a tha iomchaidh do dhaoine a tha ag obair gu proifeiseanta ann am foghlam.

Baileat

Thuirt an luchd-fastaidh ge-tà, nach urrainn dhaibh sìon a bharrachd a thabhainn, agus nach dèan na stailcean ach cron air foghlam nan oileanach.

Tha Luchd-fastaidh Cholaistean na h-Alba fhèin a' dèiligeadh ri call 4.7% sa bhuidseat aca bhon Riaghaltas de chòrr is £30m.

Tha iad ag iarraidh air EIS FELA an £5,000 a bharrachd a tha iad air a thabhainn a chur mu choinneimh nam ball aca ann am baileat, rud nach eileas air a dhèanamh thuige seo.

"Le maoineachadh o Riaghaltas na h-Alba a' sìor chrìonadh, agus iarrtasan pàighidh bho aonaidhean ciùird a' sìor èirigh, tha uallach nas motha a' tighinn air colaistean chun na h-ìre 's gu bheil a-niste 70-80% de na cosgaisean aca air fad a' dol mu choinneimh pàigheadh luchd-obrach," thuirt Stiùiriche Luchd-fastaidh Cholaistean na h-Alba, Gavin Donoghue.

"Dh'iarrainn-sa air EIS FELA an t-àrdachadh £5,000 - an tabhartas iomlan deireannach bho luchd-fastaidh - a chur mu choinneimh nam ball aca ann am baileat pàighidh.

"'S iad òraidichean colaiste an Alba mar thà na h-òraidichean colaiste as fheàrr phàighte san Rìoghachd Aonaichte.

"Chumadh an tabhartas ùr £5,000 a tha luchd-fastaidh a' tabhainn orra san t-suidheachadh sin iad.

"Sa bhitheantas b' e àrdachadh 11.5% do dh'òraidichean colaiste, agus 14.2% do na h-òraidichean colaiste a th' aig bun na sgèile pàighidh nàiseanta.

"Dh'iarrainn air EIS FELA a bhith ciallach mu na ghabhas coileanadh le stailcean, oir 's e an £5,000 mar thà an t-suim as motha a ghabhas tabhainn," thuirt e.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad draghail mun bhuaidh a bheir na stailcean air oileanaich, agus gu bheil iad an dùil gun dèan colaistean na 's urrainn dhaibh airson nach fhairich oileanaich cus buaidhe.

Thuirt an neach-labhairt aca gur e deasbad a bh' ann eadar aonaidhean nan òraidichean agus an luchd-fastaidh.

Tha iad a' cur ìmpidh air an dà thaobh tighinn gu aonta airson crìoch a chur air na stailcean.