Dithis neach-turais fo chasaid an dèidh dà thubaist fa leth air an A9

Soidhne poilis
  • Air fhoillseachadh

Chaidh a chur as leth dithis luchd-turais gun do dh'fhàg iad daoine air an droch ghoirteachadh le bhith a' dràibheadh gu cunnartach an dèidh dà thubaist eadar-dhealaichte air an A9 Disathairne.

Tha Gunter Shmeig, 58, às a' Ghearmailt, fo chasaid ann an co-cheangal ri tubaist faisg air Baile Ùr an t-Slèibhe san deach ceathrar a leòn.

Tha Dàibhidh Margil, 56, às na Stàitean Aonaichte, fo chasaid an dèidh mar a chaidh dithis a ghoirteachadh ann an tubaist eadar ceithir carbadan faisg air an Aghaidh Mhòir.

Cha tug fear seach fear aca tagradh seachad nuair a nochd iad Diluain ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis.

Chaidh an leigeil mu sgaoil air urras.

Casaidean

Thathar ag ràdh gur e Mgr Schmeig a bha a' dràibheadh Vauxhall Crossland geal a bha an sàs ann an tubaist le Jaguar XF gorm.

Thuirt na poilis gun do thachair seo aig ceann-rathaid Ralia mu 14:00.

Chaidh dithis a bha a' siubhal sa Chrossland - boireannach, 55, agus fireannach, 22 - a thoirt a dh'Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis ach cha deach an cumail ann.

Chaidh dithis bhoireannach, aois 61 agus 55, a bha a' siubhail san Jaguar a thoirt chun an ospadail agus iad air an droch ghoirteachadh ged nach eil iad an cunnart am beatha.

Trì tubaistean uile gu leìr

Bha dàrna tubaist air an A9 mu 17:25 faisg air ceann-rathaid Loinn Bhuilg, deas air an Aghaidh Mhòir.

Thathar ag ràdh gur e Mgr Margil a bha a' dràibheadh Vauxhall Corsa geal a bha an sàs ann an tubaist le Land Rover Discovery dubh, Ford Fiesta gorm agus Volkswagen Amarok liath.

Chaidh fear, 17, a bha a' siubhail sa Chorsa, a thoirt a dh'Ospadal an Rathaig Mhòir 's e air a dhroch lèon ged nach eil e ann an cunnart a bheatha.

Fhuair boireannach, 54, a bha san aon charbad, cùram san ospadal ach chaidh a leigeil a-mach bhon uairsin.

Cha deach duine eile a ghoirteachadh san tubaist.

Aig a' cheart àm, chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm gu droch thubaist ann an Gallaibh san deach boireannach, 22, a dhroch ghoirteachadh.

Tha i ann an suidheachadh ìosal san ospadal ann an Obar Dheathain.

Thachair an tubaist, san robh aon chàr an sàs - Audi A3 geal - air am B876 eadar Inbhir Ùige agus Taigh Iain Ghròit mu 04:15.

Tha Poileas Alba a' sireadh fiosrachadh mu na trì tubaistean.