Gearan air geataichean glaiste am Muile

Tha an oighreachd a' feuchainn ri seann choilltean dùthchasach ath-bheothachadh
- Air fhoillseachadh
Tha feadhainn ann am Muile a' gearain gu bheil geataichean glaiste air feansa fèidh ann an ceann a deas an eilein ga dhèanamh doirbh dhaibh faighinn dhan mhonadh.
Thuirt manaidsear Oighreachd Chnoc Thorosaigh gu bheil na geataichean glaiste seach gun robh daoine gam fàgail fosgailte agus gun robh fèidh ag ithe chraobhan òga.
Tha an oighreachd, sa bheil 3,000 heactair, a' feuchainn ri seann choilltean dùthchasach ath-bheothachadh, agus tha an fheansa a dhìth airson dìon a chur air na h-ògain.

Tha an oighreachd ag ràdh gu bheil milleadh le fèidh a' cur a' phròiseict aca air ais suas ri trì bliadhna
Thuirt am manaidsear, leis a bheil an oighreachd, nach eil iad airson stad a chur air luchd-coiseachd agus gu bheil iad ag obair air fuasgladh air a' chùis.
"Tha fhios gur e glè bheag de dhaoine nach bi a' cuimhneachadh an geata a dhùnadh," thuirt am manaidsear, Iain Lister.
"Tha tòrr dhùbhlan air a bhith againn sa bhliadhna no dhà a dh'fhalbh far an deach geataichean fhàgail fosgailte 's gun d' fhuar fèidh a-steach.
"Nì iad milleadh air na craobhan, 's tha sin a' cur a' phròiseict air ais dhà no trì bliadhne eile nuair a dh'fheumas sinn craobhan ùra àrach bho shìol 's an cur a-rithist far an deach am milleadh a dhèanamh."
Geataichean a bharrachd
Fo Achd Ath-leasachaidh an Fhearainn (2003), feumaidh sealbhadair fearainn a tha a' faighinn maoineachaidh airson coilltearachd cothrom a thoirt don phoball faighinn a-steach.
Tha gu bheil na geataichean a-niste glaiste a' fàgail cuid sa choimhearsnachd mì-thoilichte nach eil e furasta dhaibh faighinn chun a' mhonaidh.
"Tha daoine air fios a chur air a' choimhairle choimhearsnachd seach nach fhaigh iad cothrom air na prìomh fhrìth-rathaidean air an oighreachd," thuirt Susan Ringwood, bho Chomhairle Choimhearsnachd Eilein Mhuile.
"Tha glasan-crochaidh air na geataichean, a tha ochd troighean de dh'àirde, 's chan eil dòigh faighinn thairis orra seach a bhith sreap. Cha ghabhar ri sin.
"Cha bu chòir gum bi iad glaiste."

Feumaidh cothrom a bhith aig a' phoball air an fhearann a rèir an lagha
Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air a bhith ann an conaltradh leis an oighreachd mun trioblaid seo.
Tha an oighreachd a-niste a' dol a dh'fhoillseachadh còd QR a dh'innseas do dhaoine far a bheil na geataichean a th' ann tron fheansa, agus tha tuilleadh gheataichean gan cur ann cuideachd.
Thathas a' sùileachadh na geataichean a bharrachd a chur a-steach ro dheireadh an t-samhraidh.