Naidheachdan 11:00m
Peter Murrell
Tha Peter Murrell, an duine aig an t-seann phrìomh mhinistear Nicola Sturgeon, an greim aig poilis a tha a' rannsachadh chùisean ionmhais an SNP. Chaidh Mgr Murrell, a bha na àrd-oifigeach air an SNP, a chur an greim sa mhadainn an-diugh. Thuirt na poilis gun tèid aithisg gu Oifis a' Chrùin agus Seirbheis an Neach-Casaid. Thuirt Nicola Sturgeon, nuair a dh'fhàg i a dreuchd, nach robh gnothach aig a' cho-dhùnadh sin ri ionmhas an SNP.
Harbour Energy
Dh'innis Harbour Energy, a' chompanaidh ola agus gas as motha anns an Rìoghachd Aonaichte, gur e cìs 'windfall' Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte as coireach gu bheil iad a' gearradh 350 cosnadh. 'S ann air tìr-mòr a bhios na gearraidhean sin. Tha mu 1,200 luchd-obrach air tìr aig Harbour agus 's ann an Obar Dheathain a tha a' mhòr-chuid dhiubh sin.
Dòmhnall Trump
Dh'innis Dòmhnall Trump dha luchd-taic gu bheil cuilbheart na aghaidh an dèidh a dhol às àicheadh an-dè gun do dh' uallaich e clàran gnothachais breugach. Tha 34 casaidean na aghaidh. Tha luchd-casaid a' cur às leth an t-seann cheann-suidhe gun do dh'fheuch e ri airgead fhalach a thug e dhan chleasaiche fiolm drabasta, Stormy Daniels, goirid ron taghadh ann an 2016 airson a sàmhchair a cheannach mu chàirdeas eadar iad.
Iosrael
Thuirt poilis ann an Iosreal gu bheil còrr 's 300 duine an greim an dèidh àimhreit aig mosc Al-Aqsa ann an Ierusalem. Rinn na poilis rèid ro bhriseadh an là an-diugh an dèidh aithris gun robh buidheann de Phalastinianach air iad fhèin a ghlasadh air an làraich le cruinneachadh de dh'urchairean teine, clachan agus maidean aca. Bha am buidheann mailisidh Ioslamach, Hamas, a tha os cionn sgìre Ghaza, air iarraidh air luchd-adhraidh dìon a chur air a' mhosc an dèidh aithrisean gun robh buidheann Iudhach am beachd gobhar a mharbhadh ann mar iobairt.
Ceann-suidhe Zelensky
Tha an Ceann-suidhe Zelensky a' tadhal gu h-oifigeil air a' Phòlainn an-diugh airson a' chiad uair bho thòisich ionnsaigh na Ruis air an Ucràin. 'S i a' Phòlainn aon de na dùthchannan as motha a tha a' toirt taic dhan Ucràin bho thòisich an cogadh agus am measg eile air àite a thoirt dha na milleanan de na fògarraich.
NHS na Gàidhealtachd
Chosg NHS na Gàidhealtachd £3.2m air luchd-obrach 'agency' thar trì mìosan air a' bhliadhna a chaidh seachad. Tha na figearan, air an d'fhuair Partaidh Làbarach na h-Alba sealbh tro Achd Saorsa an Fhiosrachaidh, ag innse gur e sin an treas suim as motha eadar bùird slàinte na h-Alba air fad. Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil amannan ann nach eil roghainn aca ach luchd-obrach agency a chleachdadh.
Aiseagan
Thuirt Cathraiche na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar gu bheil mì-chinnt mu sheirbheis aiseig Uibist a Deas a' dèanamh dìmeas air eileanaich. Ged a tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn a' cumail na seirbheis eadar Loch Baghasdail agus an t-Òban a' dol dhan 16mh là den mhìos seo, thuirt Ùisdean Robasdan nach eil e math gu leòr nach eil fios le cinnt de a thachras an dèidh sin.