"Tha e do-chreidsinneach do mhòran a-bhos an seo"
Thuirt Dòmhnall Trump gu bheil muinntir nan Stàitean Aonaichte air "mandat cumhachdach den t-seòrsa nach deach fhaicinn riamh roimhe" a thoirt dha na Poblachdaich.
Tha Mgr Trump ag ràdh gun robh "buaidh shònraichte" aige ann an taghadh a' chinn-suidhe.
Thuirt JD Vance, a bhios na leas cheann-suidhe, gur e seo "an aiseirigh phoileataigeach as motha ann an eachdraidh nan Stàitean Aonaichte".
A' bruidhinn air Aithris na Maidne Diciadain, thuirt Mìchael MacAoidh ann am Virginia gu bheil a' chùis "do-chreidsinneach do mhòran" anns na Stàitean.
Tha e ag ràdh gu bheil ceistean gu leòr ann a-nise mun t-slighe air adhart.