Leabhar ùr ag innse sgeul nan Afro-Ghàidheal
Thèid leabhar cloinne Gàidhlig ùr fhoillseachadh a tha ag innse sgeulachd nan Afro-Ghàidheal ann an Alba, agus mu chloinn a' lorg an àite, ann an àrainneachd ùr.
'S e 'Anesu agus na Creutairean Uisge' a' chiad leabhar a chaidh a sgrìobhadh le Tawana Maramba, a stèidhich pàirtean den sgeulachd oirre fhèin.
Le tuilleadh, seo Anndra MacFhionghain.