"Spionnadh" do luchd-gnothaich Gàidhlig a chleachdadh san obair aca
Tha luchd-gnothaich Gàidhlig ag ràdh gun d' fhuair iad tòrr à pròiseact a tha ag amas air gnothachasan a bhrosnachadh gus an cànan a chleachdadh san obair aca.
'S e Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean a chuir am pròiseact air dòigh is iad ag ràdh gun tàinig barrachd luchd-gnothaich air adhart na bha iad an dùil.
'S e an iomairt-shòisealta Elevator a ruith an cùrsa dhan luchd-gnothaich le seiseanan dà-chànanach gus sealltainn mar a chleachadh iad an cànan san obair aca, is na buannachdan a bhiodh na lùib.
Bha Angela Nic a' Mhaoilein bhon chompanaidh Wee Norrag am measg na rinn an cùrsa.
Tha i ag ràdh gun do rinn e feum mòr.