Naidheachdan 11:00m

Àrd-stiùiriche a' BhBC

Tha am BBC a' sireadh àrd-stiùiriche ùir an dèidh do Tim Davie an dreuchd a leigeil seachad a-raoir. Dh'fhàg Mgr Davie agus ceannard nan naidheachdan, Deborah Turness, an cuid obraichean a-raoir às dèidh càinidh a rinnear mu phrògram Panorama. Chaidh am prògram a ghearradh ann an dòigh 's gun deach dà dhiofar rud a thuirt Dòmhnall Trump ron aimhreit aig Capitol Hill a chur ri chèile. Thuirt Deborah Turness an-diugh gun robh i a' gabhail uallaich airson rudan a thachair, ach nach robh seirbheis naidheachdan a' BhBC idir "institutionally biased".

Aithisg na h-eaconomaidh

Feumaidh Alba ionnsachadh bho sgìre Mhanchester airson fàs eaconamach agus torradh obrach na dùthcha a thoirt air adhart - a rèir an eòlaiche eaconamaich Anton Muscatelli. Dh'iarr am Pàrtaidh Làbarach ann an Alba air seann phrionnsabal Oilthigh Ghlaschu aithisg ullachadh air eaconamaidhean sgìreil na h-Alba. Tha an aithisg ag ràdh nach deach uiread de phrìomhachas - no airgead - a chur ri fàs na h-eaconomaidh anns na bliadhnaichean a dh'fhalbh, agus gu bheil beàrn ag èirigh eadar sgìre shoirbheachail Dhùn Èideann agus eaconomaidhean sgìrean eile.

COP 30

Tòisichidh àrd-choinneamh nan Dùthchanan Aonaichte air atharrachadh na gnàth-shìde, COP 30 ann am baile Belem ann an Braisil. Thuirt ceann-suidhe Bhraisil, Luiz Inacio Lula da Silva, gu bheil e airson 's gun tèid gnìomhan a chur air adhart airson gasaichean carboin a lùghdachadh. Dh'innis na Stàitean Aonaichte nach bi iadsan a' cur riochdairean aig àrd-ìre ann.

Diageo

Tha seann cheannard Tesco a' gabhail stiùir na companaidh as motha a tha a' dèanamh uisge-beatha na h-Alba. Dh'innis Diageo gur e Sir Dave Lewis an t-àrd-oifigear ùr aca. Dh'fhàg an t-àrd-oifigear mu dheireadh, an t-Aimeireaganach Debra Crew, agus briseadh-dùil ann mu na bha a' chompanaidh a rèic de dheoch-làidir. Tha Diageo a' dèanamh mu 40% de dh'uisge-beatha na h-Alba, Johnnie Walker na measg. Tha iad cuideachd a' dèanamh vodka agus gin ann an Alba agus 's ann leotha a tha Guinness.

Ionnsaigh an Glaschu

Chaidh boireannach a thoirt an grèim an dèidh do stuth bog cunnartach a bhith air a thilgeil air boireannach eile ann am meadhan bhaile Ghlaschu. Chaidh am boireannach, aois 46, a thoirt dhan ospadal airson leigheis - às dèidh na h-ionnsaigh air Sràid Bhochanan a-raoir. Thuirt Poileas Alba gun deach tè, aois 51, a thoirt an grèim agus gun deach casaid ionnsaigh a chur às a leth. Tha dùil rithe ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Glaschu tron là.

An Isle of Lewis

Nochd trioblaid as ùire leis a' bhàt-aiseig an Isle of Lewis - a tha an-dràsta air slighe Steòrnabhaigh agus Ullapuil. 'S iad a-rithist luchd-coise a mhàin a bhios air an giùlain leis a' bhàta airson a' chòrr dhen là agus trioblaid eile ann le siostam eadhaireachaidh deic nan càraichean. Bha còir gum faigheadh 30 carbad oirre ach chaidh rud ceàrr leis an obair-chàraidh a chaidh a dhèanamh. Tha dùil ri tuilleadh fiosrachaidh feasgar mu na seirbheisean a bhios ann a-màireach.